Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carnegie Public Library building in Wick
EXTERNAL ID
QZP40_LIBRARY_006
ÀITE
Inbhir Ùige
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
An Lùnastal 1994
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
37900
KEYWORDS
neach-fialaidheachd
leabharlannan
Carnegie Public Library building in Wick, August 1994

Chaidh Leabharlann Poblach Carnegie air Bàrraid Mhic na Ceàrdaich ann an Inbhir Ùige, a mhaoineachadh leis an Albannach-Ameireaganach Anndra Carnegie (1835-1919), a bha na fhear-gnìomhachais agus na fhear deagh-euchdachd.

Thug Anndra Carnegie seachad ionmhas ach an gabhadh mu 2,500 leabharlann poblach a thogail, a' chuid a bu mhotha dhiubh sna Stàitean Aonaichte, ann am Breatainn 's ann an Èirinn. Chaidh a' chiad fhear de na leabharlannan seo a thogail ann an 1883 sa bhaile às an tàinig Carnegie fhèin, Dùn Phàrlain.

Chaidh Leabharlann Poblach Carnegie ann an Inbhir Ùige a dheilbh leis an ailtire à Dùn Èideann, Tòmas Leadbetter, agus chaidh fhosgladh gu foirmeil air an t-6mh Sultain 1898.
Dh'aithris an 'Northern Ensign' air mar seo "The ceremony of opening of the Library took place at half-past one o'clock. The building was profusely decorated with flags under the superintendence of Mr Teeling R.N., who had assistance of Coastguardsmen Kelly and Gearing, and William Macdonald and Hector Nicolson, fishermen. Conspicuous above the others was a combination of flags displaying the Union Jack and the Stars and Stripes."

San aon dòigh ris a h-uile leabharlann aig Carnegie, tha an suaicheantas 'Let there be light' (Biodh solas ann) snaidhte os cionn doras Leabharlann Poblach Inbhir Ùige.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carnegie Public Library building in Wick

GALLAIBH: Inbhir Ùige

1990an

neach-fialaidheachd; leabharlannan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries Past & Present