Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sir Eanraig Cockburn MacAnndrais
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_05
ÀITE
Inbhir Nis
DEIT
1892
LINN
1890an
CRUTHADAIR
Sir George Reid
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
380
KEYWORDS
Taigh Baile Inbhir Nis
dealbhan
pròbhaistean
Seòras Reid
luchd-lagha
fònaichean
Club an Achaidh
Sir Henry Cockburn Macandrew

Tha an dealbh seo de Shir Eanraig MacAnndrais a' crochadh ann am Prìomh Thalla Taigh Baile Inbhir Nis. Chaidh an dealbh, le Sir Seòras Reid, Ceann-suidhe Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, a thoirt do Chomhairle a' Bhaile air an 30mh dhen t-Sultain 1892.

Rugadh Eanraig Cockburn MacAnndrais ann an Inbhir Nis ann an 1832, fear de naoinear chloinne. B' e mac Iain MhicAnndrais a bha ann, fear-lagha, a thòisich air gnothachas ann an Inbhir Nis ann an 1812.

Fhuair MacAnndrais foghlam aig an Acadamaidh Rìoghail agus aig Oilthigh Obar Dheathain. Fhuair e ionnsachadh air obair lagha ann an oifis athar agus chuir e seachad bliadhnachan aig Banca Shasainn.

Thill MacAnndrais gu Inbhir Nis anns na 1850an 's e a' dol còmhla ris an fhear-lagh Seumas Mac a' Phearsain gus an gnothachas Mac a' Phearsain agus MacAnndrais a stèidheachadh. An dèidh bàs Mhic a' Phearsain, ghabh e fhèin agus mac a pheathar, Mgr. Jenkins an gnothachas còmhla agus stèidhich e an gnothachas MacAnndrais agus Jenkins.

Ann an 1870 fhuair MacAnndrais an obair mar Chlèireach-Siorraim. Ann an 1882 chaidh a thaghadh mar bhall de Chomhairle a' Bhaile. Bha e na phròbhaist bho 1883 gu 1889.

B' e Pròbhaist MacAnndrais a dh'fhòn an toiseach ann an Inbhir Nis ann an 1885. Dh'fhòn e gu Uilleam MacAoidh, Taigh Chreag na Mònadh aig an robh an àireamh fòn Inbhir Nis 2. B' e Inbhir Nis 1 a bha aig Taigh a' Bhaile.

Fhuair MacAnndrais urram ridire bhon Bhanrigh Bhictoria ann an 1887. A bharrachd air sin, bha e cuideachd Cheann-suidhe air Club an Achaidh agus na Cheannard air Roinn an luchd-lagha. Dh'eug e air an 26mh dhen t-Sultain 1898

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sir Eanraig Cockburn MacAnndrais

1890an

Taigh Baile Inbhir Nis; dealbhan; pròbhaistean; Seòras Reid; luchd-lagha; fònaichean; Club an Achaidh

Am Baile

Inverness Town House 2007