Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seumas A. Gossip
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_06
ÀITE
Inbhir Nis
DEIT
1910
LINN
1910an
CRUTHADAIR
Malcolm Gavin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
381
KEYWORDS
Taigh a' Bhaile
luchd-cur
luchd-sìl
gàirnealairean
craobhan
cur chraobhan
tuathanaich
Club Achadh Inbhir Nis
Saor-chlachairean
James A. Gossip

Tha an dealbh seo de Sheumas Gossip, le Calum Gavin, crochte sa Phrìomh Thalla ann an Taigh a' Bhaile, Inbhir Nis.

Rugadh Seumas Gossip ann an 1852. B' e mac dha Seumas Gossip de Howden & Companaidh, luchd-cur agus luchd-sìl, a bh' ann.

Fhuair Gossip a chuid foghlaim ann an Inbhir nis. Nuair a dh'fhàg e an sgoil bha e ag obair ann an oifis Eachainn Mhoireasdain, Innleadairean Catharra. Às dèidh sin, chuir e seachad beagan tìde ann an obair tomhais air a' Ghàidhealtachd. Dh'ionnsaich e coilltearachd mus deach e a-steach a stiùireadh gnothachas athar.

Stèidhich Gossip planntlann ann an Sràid Telford a thàinig gu bhith na ionad ghàirnealairean air feadh a' chinn a tuath. Bha e aithnichte mar eòlaiche ann an cur chraobhan agus na bhall dealasach de Chomann Rìoghail Cur-chraobhan na h-Alba, a' cur air bhonn Meur a Tuath den Chomann.

Bha Gossip na bhall de Chomhairle a' Bhaile airson naoi bliadhna. Chaidh a thaghadh mar Phròbhaist ann an 1907, dreuchd a ghlèidh e gu 1910.

Bha Gossip na bhall cuideachd de Chomann Tuathanaich Siorrachd Inbhir Nis agus de Chomann Saidheansail agus Club Raoin Inbhir Nis, a' frithealadh iomadh uair mar cheann-suidhe. Bha e na shaor-chlachair agus fhritheil e mar Mhaighstir Urramach air Loidse an Naoimh Eòin.

Bhàsaich Seumas Gossip air 18 Dàmhair 1921

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seumas A. Gossip

1910an

Taigh a' Bhaile; luchd-cur; luchd-sìl; gàirnealairean; craobhan; cur chraobhan; tuathanaich; Club Achadh Inbhir Nis; Saor-chlachairean

Am Baile

Inverness Town House 2007