Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uilleam MacBheathain
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_07
ÀITE
Inbhir Nis
LINN
1900an
CRUTHADAIR
George Reid
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
382
KEYWORDS
Taigh Baile Inbhir Nis
dealbhan
pròbhaistean
Seòras Reid
Drochaid Waterloo
Cladh Thom na h-Iùbhraich
Pàirc Bhictoria
dealan
William Macbean

Tha an dealbh seo de dh'Uilleam MacBheathain, le Seòras Reid, ann am Prìomh Thalla Taigh Baile Inbhir Nis.

Bha Uilleam MacBheathain ag obair fad 60 bliadhna airson math baile Inbhir Nis agus na latha b' e fear dhe na daoine a b' ainmeile ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd. Na òige fhuair e ionnsachadh ann an raointean stuamachd agus poilitigeach agus bha iarraidh mhòr air mar òraidiche. Chaidh a thaghadh mar bhall de Chomhairle a' Bhaile ann an 1879. Bha athair air a dhol air a' chomhailre ann an 1859 agus airson 8 mìosan bha an dithis aca air aig an aon àm.Chiallaich comasan Uilleam MhicBheathain mar òraidiche agus a' chuid eòlais air gnothaichean poblach gun deach a thaghadh mar phròbaist ann an 1895, dreuchd a chùm e gu 1901.

Rè ùine na phròbhaist, chaidh mòran obraichean poblach a dhèanamh. Chaidh crìoch a chur air Drochaid Waterloo, chaidh Cladh Thom na h-Iùraich fhosgladh agus chaidh carragh-cuimhne Fhionnghail NicDhòmhnaill a chur suas. Chaidh margaidh an èisg a leudachadh, chaidh an acarsaid a leasachadh agus chaidh an t-òrdugh gus cumhachd dealain a' bhaile a stèidheachadh a chur an gnìomh. Ann an 1897, a' bhliadhna a bha a' Bhanrigh Bhictoria a' comharrachadh 60 bliadhna air a' chrùn, dh'fhosgail Pròbhaist MacBheathain Pàirc Bhictoria mus deach e a Lunnainn gus coinneachadh ris a' Bhanrigh aig Lùchairt Bhuckingham.

Dh'eug Uilleam MacBheathain aig aois 89 anns an Dùbhlachd 1930

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uilleam MacBheathain

1900an

Taigh Baile Inbhir Nis; dealbhan; pròbhaistean; Seòras Reid; Drochaid Waterloo; Cladh Thom na h-Iùbhraich; Pàirc Bhictoria; dealan

Am Baile

Inverness Town House 2007