Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Ghaornaigeodha Mhic na Ceàrdaich
EXTERNAL ID
CAITHHORZ_T200
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Caithness Horizons
AITHNEACHADH MAOINE
3821
KEYWORDS
caistealan
MacnaCeardaich
Mac na Ceardaich
Iarlannan Ghallaibh
Castle Sinclair Girnigoe

Sa phriont seo chithear Caisteal Ghaornaigeodha Mhic na Ceàrdaich.

Roimhe seo bhatar a' creidsinn gun deach dà chaisteal (Caisteal Mhic na Ceàrdaich is Caisteal Ghaornaigeodha) a thogail an seo le Iarlannan Ghallaibh, fear dhiubh sa 15mh linn agus am fear eile aig toiseach na 17mh linn. B' e Caisteal Ghaornaigeodha a bh' air a' phrìomh structar agus Caisteal Mhic na Ceàrdaich ainm an fhir eile. Bha iad cuideachd den bheachd gun deach na dhà dhiubh a sgrios nuair a bha ionnsaigh air na caistealan ann an 1690.

Ach chaidh suirbheidh a dhèanamh leis an FAS agus lorg sin a-mach nach robh a-riamh ach aon chaisteal air an làraich. Thòisich an togail dheth cho tràth ri deireadh na 14mh linn agus chaidh pìosan a chur ris an togalach thairis air na bliadhnaichean, leis na pìosan mu dheireadh air an cur ris san t-17mh linn.

Ann an 1606 bha Iarla Ghallaibh air Achd Pàrlamaid fhaighinn a leig leis ainm a' Chaisteil atharrachadh o Chaisteal Ghaornaigeodha gu Caisteal Mhic na Ceàrdaich, ach chùm daoine orra a' cleachdadh an dà ainm, a' fàgail mì-chinnt ann agus feadhainn a' creidsinn gu robh dà chaisteal air a bhith ann.

Dh'fhosgail Caisteal Ghaornaigeodha Mhic na Ceàrdaich don mhòr-shluagh a' 1mh den Lùnastail 2010 an dèidh pròiseact ath-leasachaidh a sheas deich bliadhna agus a chosg £700,000. Tha dà cheum eile den phròiseact san t-sealladh a nì an togalach na phrìomh àite-tarraing don luchd-turais.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Ghaornaigeodha Mhic na Ceàrdaich

GALLAIBH: Inbhir Ùige

caistealan; MacnaCeardaich; Mac na Ceardaich; Iarlannan Ghallaibh