Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal na Meighe
EXTERNAL ID
CAITHHORZ_T201
ÀITE
Meigh
SGÌRE
Gallaibh a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Canasbaigh
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Caithness Horizons
AITHNEACHADH MAOINE
3825
KEYWORDS
caistealan
taibhsean
teaghlach rìoghail
luchd-turais
Castle of Mey

Sa phriont seo chithear Caisteal na Meighe.

Tha an caisteal na sheasamh air cost a tuath Ghallaibh, an iar air Taigh Iain Ghròt. Chaidh a thogail eadar 1566 is 1572 leis a' 4mh Iarla Ghallaibh do a mhac, agus bho thùs b' e Caisteal Bhàrr nan Gill, no Barrogill, a bh' air. Chaidh an caisteal a leudachadh agus ath-ùrachadh grùnn turais. Chaochail an 15mh Iarla sna 1880an 's gun oighre aige agus dh'fhàg e an caisteal aig caraid dha. Chaidh a reic às dèidh siud don Chaiptean Imbert-Terry ann an 1928.

Cheannaich Ealasaid, Màthair na Banrigh, an caisteal is fhearann ann an 1952 agus thòisich i ga chur air dòigh mar dhachaigh shaorlaithean. Dh'fhuirich i ann gu cunbhalach dà uair sa bhliadhna eadar 1955 agus àm a bàis ann an 2002. Ann an 1996 chuir Màthair na Banrigh air bhonn Urras Chaisteal Meighe Màthair na Banrigh, urras a tha an-diugh a' fosgladh a' chaisteil agus a ghàrraidhean do luchd-turais ach a-mhàin cuid làithean sa bhliadhna nuair a bhios Diùc is Ban-diuc Bhaile Bhòid a' fuireach ann.

Thatar ag ràdh gu bheil an Caisteal air a thadhal air le Bean-uasal Uaine. 'S i Ealasaid Mhic na Ceàrdaich, nighean a' 5mh Iarla Ghallaibh, tè a thilg i fhèin on uinneig an dèidh dhi a bhith air a prìosanachadh sa chaisteal le a h-athair nuair a thuit i ann an gaol ri fear-treabhaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal na Meighe

GALLAIBH: Canasbaigh

caistealan; taibhsean; teaghlach rìoghail; luchd-turais