Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Iolaire Uisge faisg air Ruigh Còinnich
EXTERNAL ID
QZP40_UC2524_VOLI_P005
ÀITE
Ruigh Còinnich
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
DEIT
1884
LINN
1880an
CRUTHADAIR
engraved by John Adam
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
38258
KEYWORDS
iolaire
eòin-sheilg
iasgach
eòin
nid
sealg
cruinneachadh uighean
uighean
Buidheann Dìon nan Eunlaith
Loch Gartain
Osprey near Rhiconich

ha robh iolairean-uisge air fhàgail ann an Sasainn anns an 19mh linn air sgàth mar a bhathas gan sealg agus a' cruinneachadh nan uighean. Bha iad ann an Alba chun an 20mh linn ach chaidh cur às don phaidhir mu dheireadh ann an 1916. Ann an 1954 thill paidhir gu Loch Gartain air bruaichean Abhainn Spè ach cha do thill iad a-rithist gu 1959. Stèidhich Buidheann Dìon nan Eunlaith raon tèarainte dha na h-iolairean-uisge agus an uighean aig Loch a' Ghartain agus tha na h-eòin air a bhith ann bhon uairsin.

Tha a chuid as motha de na h-iolairean-uisge ann an Alba a' neadachadh ann an craobhan ach bidh iad aig amannan a' neadachadh air aghaidh nan creag no eadhon air an talamh.

Tha itean dorcha gu h-àrd agus geal fodhpa air na h-eòin as sine. Air na h-eòin as òige tha am bann broillich donn agus itean dorcha le gob geal. Tha iad a' fàs gu faisg air 60cm a dh'fhaid agus leis na sgiathan fosgailte tha iad mu 150cm. Tha na h-eòin bhoireann mar as trice nas motha na na h-eòin fhireann. Tha na h-eòin ag ithe iasg agus faodaidh iad sgèith ochd mìle le iasg nam beul.

Gheibhear an dealbh seo ann an 'A short tour in Sutherland' a sgrìobh Teàrlach St John

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iolaire Uisge faisg air Ruigh Còinnich

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

1880an

iolaire; eòin-sheilg; iasgach; eòin; nid; sealg; cruinneachadh uighean; uighean; Buidheann Dìon nan Eunlaith; Loch Gartain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)