Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Account of Improvements' le Sir Iain Mac na Ceàrdaich, Fear Ulbastair, map de Sarcleit
EXTERNAL ID
QZP40_ULBSTER_032a_Map
ÀITE
Inbhir Thèorsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
DEIT
1810an
LINN
1810an
CRUTHADAIR
Sir John Sinclair
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
38284
KEYWORDS
Luchd-leasachaidh
tuathanaich
uachdarain
tighearnan
crò
Caoraich Mhòra
Fuadaichean
eilthireachd
Cunntasan Àireamhail
zoomable

Ann an 1812, chlò-bhuail Bòrd an Àiteachais (Lunnainn) 'General view of the agriculture of the county of Caithness' le mapaichean agus eàrr-ràdh mu Shir Iain Mac na Ceàrdaich, Fear Ulbastair fon ainm 'An Account of The Improvements carried on by Sir John Sinclair, Bart., on his Estates in Scotland'. Bha na h-oighreachdan sin ann an sgìre Inbhir Theòrsa, Hacraig, Meaghrath, Inbhir Ùige agus Ladhran. Tha am map seo a' sealltainn plana de bhaile iasgaich Sarcleit (cuideachd ainmichte mar Baile Bhrothaigh)

B' e uachdaran, fear-poilitigs, leasaichear tràth, tuathanach, àireamhair agus tosgaire dha dhùthaich a bh' ann an Sir Iain Mac na Ceàrdaich, Fear Ulbastair, (1754-1835). Rugadh e ann an Caisteal Inbhir Theòrsa do mheur de dh' Iarlan Mac na Ceàrdaich Ghallaibh, agus chaidh e air adhart gu oilthighean Dhùn Èideann agus Àth na Damh, mus do leigeadh a-steach e gu Dàimh an Luchd-tagraidh. Chaidh a thaghadh mar Bhall-Pàrlamaid Ghallaibh ann an 1780, agus bha e ann an Taigh nan Cumantan cha mhòr gun bhriseadh gu 1811. B' e Sir Iain a' chiad cheann-suidhe air Bòrd an Àiteachais, agus stèidhich e comann gus clòimh Bhreatannach a leasachadh. Ann an 1805, shuidhicheadh e na choimiseanair air drochaidean agus rathaidean a thogail ann an ceann a tuath Alba. Stiùir e cuideachd co-chruinneachadh a' chiad Chunntas Àireamhail an Alba (1791-1799).

Air an oighreachd aige ann an Gallaibh, thòisich Sir Iain air leasachaidhean ann an dòighean àiteachais, mar eisimpleir drèanadh, cuartachadh achaidhean, agus cur bliadhna ma seach. Leigeadh a-mach air mhàl gu tuathanaich air leth caoban mòra de dh' fhearann, agus thugadh a-steach seòrsachan ùra de chaoraich, caoraich Cheviot nam measg. Fhuair tuath a chaill am fearann, pìosan na bu lugha de dh' fhearann ri obrachadh. Mar phàirt dhe na leasachaidhean aige, thog Sir Iain cuideachd baile ùr Inbhir Theòrsa agus port Sgrabastair. B' e an t-amas aige na daoine a chumail air an fhearann, ann an tuathanasan leasaichte na bu mhotha, no ag obair ann an gnìomhachasan ionadail mar ghrùdaireachd, cairteadh agus obair na clòimh. Ach, chuir suidheachadh aonranach na sgìre agus àirde cosgaisean còmhdhail bacadh air. Aig a' cheann thall, b' fheudar do chuid dhen tuath aige falbh mar eilthirich, mar eisimpleir teaghlaichean a b' fheudar gluasad on fhearann thorrach ann an Langail gu Bad-Beithe air a' chosta

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Account of Improvements' le Sir Iain Mac na Ceàrdaich, Fear Ulbastair, map de Sarcleit

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

1810an

Luchd-leasachaidh; tuathanaich; uachdarain; tighearnan; crò; Caoraich Mhòra; Fuadaichean; eilthireachd; Cunntasan Àireamhail; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Sinclair of Ulbster: Account of Improvements

Ann an 1812, chlò-bhuail Bòrd an Àiteachais (Lunnainn) 'General view of the agriculture of the county of Caithness' le mapaichean agus eàrr-ràdh mu Shir Iain Mac na Ceàrdaich, Fear Ulbastair fon ainm 'An Account of The Improvements carried on by Sir John Sinclair, Bart., on his Estates in Scotland'. Bha na h-oighreachdan sin ann an sgìre Inbhir Theòrsa, Hacraig, Meaghrath, Inbhir Ùige agus Ladhran. Tha am map seo a' sealltainn plana de bhaile iasgaich Sarcleit (cuideachd ainmichte mar Baile Bhrothaigh)<br /> <br /> B' e uachdaran, fear-poilitigs, leasaichear tràth, tuathanach, àireamhair agus tosgaire dha dhùthaich a bh' ann an Sir Iain Mac na Ceàrdaich, Fear Ulbastair, (1754-1835). Rugadh e ann an Caisteal Inbhir Theòrsa do mheur de dh' Iarlan Mac na Ceàrdaich Ghallaibh, agus chaidh e air adhart gu oilthighean Dhùn Èideann agus Àth na Damh, mus do leigeadh a-steach e gu Dàimh an Luchd-tagraidh. Chaidh a thaghadh mar Bhall-Pàrlamaid Ghallaibh ann an 1780, agus bha e ann an Taigh nan Cumantan cha mhòr gun bhriseadh gu 1811. B' e Sir Iain a' chiad cheann-suidhe air Bòrd an Àiteachais, agus stèidhich e comann gus clòimh Bhreatannach a leasachadh. Ann an 1805, shuidhicheadh e na choimiseanair air drochaidean agus rathaidean a thogail ann an ceann a tuath Alba. Stiùir e cuideachd co-chruinneachadh a' chiad Chunntas Àireamhail an Alba (1791-1799).<br /> <br /> Air an oighreachd aige ann an Gallaibh, thòisich Sir Iain air leasachaidhean ann an dòighean àiteachais, mar eisimpleir drèanadh, cuartachadh achaidhean, agus cur bliadhna ma seach. Leigeadh a-mach air mhàl gu tuathanaich air leth caoban mòra de dh' fhearann, agus thugadh a-steach seòrsachan ùra de chaoraich, caoraich Cheviot nam measg. Fhuair tuath a chaill am fearann, pìosan na bu lugha de dh' fhearann ri obrachadh. Mar phàirt dhe na leasachaidhean aige, thog Sir Iain cuideachd baile ùr Inbhir Theòrsa agus port Sgrabastair. B' e an t-amas aige na daoine a chumail air an fhearann, ann an tuathanasan leasaichte na bu mhotha, no ag obair ann an gnìomhachasan ionadail mar ghrùdaireachd, cairteadh agus obair na clòimh. Ach, chuir suidheachadh aonranach na sgìre agus àirde cosgaisean còmhdhail bacadh air. Aig a' cheann thall, b' fheudar do chuid dhen tuath aige falbh mar eilthirich, mar eisimpleir teaghlaichean a b' fheudar gluasad on fhearann thorrach ann an Langail gu Bad-Beithe air a' chosta