Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeidse de Chlach Baile a' Chnuic (Hilton of Cadboll)
EXTERNAL ID
QZP40_U_172_P016
ÀITE
Baile a' Chnuic
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Manachainn Rois
DEIT
1788
LINN
1780an
CRUTHADAIR
Peter Mazell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
38318
KEYWORDS
clachan Cruithneach
clachan
clachan snaidhte
leacan
gràbhalaidhean
Cruithnich
Piocaich
tursachan
samhlaidhean
Sketch of Hilton of Cadboll Stone

Sheas an leac croise Chruithneach aig Baile a' Chnuic Cadboll ri taobh tobhta meadhan-aoiseil caibeil an Naoimh Moire. Ann an 1676 chaidh an sgeadachadh air taobh na croise a sgròbadh dheth gus an gabhadh a' chlach a chleachdadh na clach-uaighe. Ach bha i cho trom 's nach gabhadh a gluasad, is chaidh a fàgail. Chaidh a gluasad gu Caisteal Inbhir Ghòrdain a-rithist, is an uairsin gu Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn, mus deach a cur gu Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Eideann, far am bheil i an-diugh.

Tha trì panailean air cùl na cloiche clas II seo. Tha lann-dùbailte is slat-z os cionn leth-chearcall, slat-v is dà lann anns a' phanail gu h-àrd. 'Sa phanail sa mheadhan chithear sealladh de dhà ghaisgeach a' sealg, dà thrombaidear is fiadh agus dà chù a' toirt ionnsaigh air. Tha marcaiche dìollaid-thaobh boireann is marcaiche eile ann cuideachd. Tha sgàthan is cèis cìre rin taobh.

Anns a' phanail gu h-ìosal, tha dealbh snìomhach eadar-fhìghte ann is tha rolla a' dol suas gach taobh den chloich. Bha an leth ìosal den phanal aig a' bhonn air chall gu 2001, nuair a chaidh a lorg air a thìodhlacadh faisg air tobhta a' chaibeil.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Remarkable Ruins and Romantic Prospects', le Teàrlach Cordiner (1788)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeidse de Chlach Baile a' Chnuic (Hilton of Cadboll)

ROS: Manachainn Rois

1780an

clachan Cruithneach; clachan; clachan snaidhte; leacan; gràbhalaidhean; Cruithnich; Piocaich; tursachan; samhlaidhean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Remarkable Ruins and Romantic Prospects