Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Abaid no Eaglais na Manachainn
EXTERNAL ID
QZP40_U_172_P017
ÀITE
A' Mhanachainn
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
DEIT
1788
LINN
1780an
CRUTHADAIR
Peter Mazell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
38319
KEYWORDS
eaglaisean
manachainnean
manaich
creideamh
togalaichean
tobhtaichean
Beaulieu Abbey or Beauly Priory

'S e Eaglais na Manachainn aon de thrì a chaidh an stèidheachadh leis an òrdugh Valliscaulian, à Burgundy san Fhraing, ann an Alba an dèidh 1230. 'S e 'Prioratus de Bello Loco' (eaglais an àite bòidheach) a bh' aig na manaich air. Chaidh a crìochnachadh ann an 1272. Ann an 1430, ghearain Sir Ùisdean Friseal na Morfhaich dhan Phàpa gun robh an eaglais a' caitheamh air sgàth mì-riaghladh. Chaidh sgeama ath-thogail a chruthachadh gus an gabhadh am milleadh a chàradh. Ann an 1510, chuir a' mhanachainn a dhìlseachd taobh an òrdugh Cistercian, ach cha deach an togalach a chleachdadh an dèidh an Ath-leasachaidh. Chaidh an luaidhe a thoirt on mhullach ann an 1582, is chaidh cuid de na clachan an cleachdadh a chum Daingneach Chrombail a thogail ann an Inbhir Nis ann an 1652.

Chaidh pàirt den eaglais ath-thogail leis an ailtire Alasdair Rosach ann an 1901 mar thaigh-adhlacaidh airson clann 'ic Coinnich. Tha Alba Eachdraidheil a' coimhead an dèidh na h-eaglais a-nis.

Tha an t-ainm 'Beauly' a' ciallachadh 'àite bòidheach' ann an Fhraingis. Thathar ag ràdh gun tàinig an t-ainm o rud a thuirt Màiri Ban-rìgh na h-Alba nuair a bha i san sgìre, ach 's ann o làithean nam manach Frangach a thàinig e.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Remarkable Ruins and Romantic Prospects', le Teàrlach Cordiner (1788)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Abaid no Eaglais na Manachainn

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

1780an

eaglaisean; manachainnean; manaich; creideamh; togalaichean; tobhtaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Remarkable Ruins and Romantic Prospects