Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clach Chruithneach Ghoillspidh
EXTERNAL ID
QZP40_U_172_P019
ÀITE
Goillspidh
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
DEIT
1788
LINN
1780an
CRUTHADAIR
Peter Mazell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
38320
KEYWORDS
clachan
gràbhalaidhean
clachan ghràbhailte
Cruithnich
samhlaidhean
Golspie Pictish Stone

'S e leac chrois Clas II a th' ann an Clach Ghoillspidh. Tha leacan Clas II on 8mh is 9mh linn. 'S e ceart-cheàrnagan air an gearradh a th' annta mar as trice, le measgachadh de shamhlaidhean Cruithneach is Crìosdaidh air an gràbhaladh orra. Tha crois air aon taobh is samhlaidhean Cruithneach air an taobh eile dhi. Tha an dealbh seo a' sealltainn an taobh Chruithneach. Tha samhla ceart-cheàrnach air agus oiseanan lùbte aig a' mhullach. Tha beathach Cruithneach fodha. Tha duine agus làmhag ann an cumadh 'T' na làmh dheas is biodag na làimh chlì fon bheathach. Tha esan mu choinneamh beathach coltach ri muncaidh. Tha bradan fon mhuncaidh. Tha flùr, leth-chearcall is slat-v ann cuideachd. Aig a' bhonn, tha samhla de lann-dùbailte. Tha sgrìobhadh ogham air oirean na lice.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Remarkable Ruins and Romantic Prospects', le Teàrlach Cordiner (1788)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clach Chruithneach Ghoillspidh

CATAIBH: Goillspidh

1780an

clachan; gràbhalaidhean; clachan ghràbhailte; Cruithnich; samhlaidhean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Remarkable Ruins and Romantic Prospects

'S e leac chrois Clas II a th' ann an Clach Ghoillspidh. Tha leacan Clas II on 8mh is 9mh linn. 'S e ceart-cheàrnagan air an gearradh a th' annta mar as trice, le measgachadh de shamhlaidhean Cruithneach is Crìosdaidh air an gràbhaladh orra. Tha crois air aon taobh is samhlaidhean Cruithneach air an taobh eile dhi. Tha an dealbh seo a' sealltainn an taobh Chruithneach. Tha samhla ceart-cheàrnach air agus oiseanan lùbte aig a' mhullach. Tha beathach Cruithneach fodha. Tha duine agus làmhag ann an cumadh 'T' na làmh dheas is biodag na làimh chlì fon bheathach. Tha esan mu choinneamh beathach coltach ri muncaidh. Tha bradan fon mhuncaidh. Tha flùr, leth-chearcall is slat-v ann cuideachd. Aig a' bhonn, tha samhla de lann-dùbailte. Tha sgrìobhadh ogham air oirean na lice.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Remarkable Ruins and Romantic Prospects', le Teàrlach Cordiner (1788)