Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh a' Phumpaidh, Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
QZP40_U_8131048_P017
ÀITE
Strathpeffer
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
38340
KEYWORDS
pumpaichean
tobraichean
fuarain
spathan
slàinte
The Pump House, Strathpeffer

Thogadh a' chiad taigh pumpaidh ann an Srath Pheofhair ann an 1819. Bha e ann an ceàrnag a' bhaile gus am biodh iomadach dòigh aig luchd-tadhail air faighinn gu na h-uisgeachan. An toiseach, cha robh ach beagan shiugaichean ann airson òl, agus amaran copair sìmplidh. Dh'fhàs na goireasan fada na b'fhèarr tro na bliadhnaichean, airson 's gum biodh an cliù aig Srath Pheofhair cho math ri bailtean spatha eile ann am Breatainn agus san Roinn Eòrpa. Chaidh am prìomh seòmar pumpaidh a leagail sna 1950an, as dèidh dhan spatha crìonadh, ach tha an seòmar pumpaidh àrd ann fhathast, ri taobh a' phàillein.

Chaidh an dealbh seo a tharraing bhon leabhar 'Picturesque Ross-shire, Strathpeffer and Dingwall' a chaidh fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofhairean timcheall air 1900

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh a' Phumpaidh, Srath Pheofhair

1900an

pumpaichean; tobraichean; fuarain; spathan; slàinte

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Thogadh a' chiad taigh pumpaidh ann an Srath Pheofhair ann an 1819. Bha e ann an ceàrnag a' bhaile gus am biodh iomadach dòigh aig luchd-tadhail air faighinn gu na h-uisgeachan. An toiseach, cha robh ach beagan shiugaichean ann airson òl, agus amaran copair sìmplidh. Dh'fhàs na goireasan fada na b'fhèarr tro na bliadhnaichean, airson 's gum biodh an cliù aig Srath Pheofhair cho math ri bailtean spatha eile ann am Breatainn agus san Roinn Eòrpa. Chaidh am prìomh seòmar pumpaidh a leagail sna 1950an, as dèidh dhan spatha crìonadh, ach tha an seòmar pumpaidh àrd ann fhathast, ri taobh a' phàillein.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a tharraing bhon leabhar 'Picturesque Ross-shire, Strathpeffer and Dingwall' a chaidh fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofhairean timcheall air 1900