- TIOTAL
- Beanntan an iar air Srath Pheofhair agus Loch Ma-ruibh
- EXTERNAL ID
- QZP40_U_8131048_P019
- ÀITE
- Loch Ma-Ruibhe
- SGÌRE
- Geàrrloch
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Geàrrloch
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 38342
- KEYWORDS
- cnuic
beanntan
lochan
dreach na tìre
beanntan àrda
naoimh
Mun iar air Srath Pheofhair tha tòrr bheanntan. Tha an dealbh seo a' sealltainn Garbh Coire Mòr agus An Coileachan aig ceann an ear nam beanntan ris an canar na Fainich, air taobh tuath Loch Fhainich. Tha An Coileachan 3028 troighean a dh'àirde, agus tha am mullach leathann agus cruinn. Tha 'An Coileachan' a' ciallachadh coileach beag. 'S e Garbh Coire Mòr an t-aimn a th' air a' choire air leathad na beinne.
Tha Loch Ma-ruibhe eadar Ceann Loch Iùbh agus Geàrrloch. Tha e còrr is 12 mìle de dh'fhaid agus dà mhìle de leud aig an àite as leatha. Tha an t-aimn mar chuimhneachan air an Naomh Ma-Ruibhe, a thàinig a-nall bho Èirinn agus a chuir air chois manachainn na Comraich ann an 671 AD. Air aon eilean chìthear tobhta eaglais a chuir an Naomh Ma-Ruibhe air chois cuideachd. Tha dà thrian den loch air a chuartachadh le beanntan, mar Sleaghach a tha 3,220 troighean a dh'àirde. Tha an cladach mun iar-dheas mar phàirt de Thèarmann Nàdair Nàiseanta Bheinn Eighe.
Chaidh an dealbh seo a tharraing bhon leabhar 'Picturesque Ross-shire, Strathpeffer and Dingwall' a chaidh fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofharain timcheall air 1900