Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caol Loch Aillse agus Crodh Gàidhealach
EXTERNAL ID
QZP40_U_8131048_P021
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
38344
KEYWORDS

crodh
tairbh
adhaircean
bailtean
clachan
rathaidean-iarainn
aiseagan
cidhean
Kyle of Lochalsh and Highland Cattle

Thathar dhen bheachd gu bheil daoine air a bhith a' fuireach aig Caol Loch Aillse bho 1600. Bha e na phrìomh phort airson aiseagan dhan Eilean Sgitheanach agus, nuair a thàinig an rathad-iarainn ann an 1897, 's e a bha na phrìomh phort airson aiseagan gu Steòrnabhagh gu 1973. Dh'fhàs Caol Loch Aillse gu mòr air sgàth an rathaid-iarainn, agus b'fheudar àiteachan-fuirich, bùithtean, leabhar-lann agus taigh-òsta a thogail do luchd-obrach an rathaid-iarainn. Bha e na phrìomh phort do dh'aiseag an Eilein Sgitheanaich gu 1995, nuair a dh'fhosgladh an drochaid.

Tha dùil gun robh crodh Gàidhealach ann an Alba bhon t-6mh linn. An toiseach, bha dà sheòrsa ann. Fhuaradh an seòrsa beag, dubh air na h-eileanan mar bu trice. Bha iad na bu treasa ach cha do dh'fhàs iad ach gu math slaodach. Chaidh an seòrsa ruadh bho thìr-mòr na àite. Tha an crodh Gàidhealach ainmeil airson an adhaircean--an fheadhainn fhireann agus bhoireann le chèile--agus airson am bèin mhollaich. Bidh an fheadhainn bhoireann cho trom ri tunna, agus an fheadhainn fhireann gu tric nas truime. 'S e iadsan an crodh feòla clàraichte as sine san Roinn Eòrpa.

Chaidh an dealbh seo a tharraing bhon leabhar 'Picturesque Ross-shire, Strathpeffer and Dingwall' a chaidh fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofharain timcheall air 1900

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caol Loch Aillse agus Crodh Gàidhealach

ROS: Loch Aillse

1900an

bà; crodh; tairbh; adhaircean; bailtean; clachan; rathaidean-iarainn; aiseagan; cidhean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Thathar dhen bheachd gu bheil daoine air a bhith a' fuireach aig Caol Loch Aillse bho 1600. Bha e na phrìomh phort airson aiseagan dhan Eilean Sgitheanach agus, nuair a thàinig an rathad-iarainn ann an 1897, 's e a bha na phrìomh phort airson aiseagan gu Steòrnabhagh gu 1973. Dh'fhàs Caol Loch Aillse gu mòr air sgàth an rathaid-iarainn, agus b'fheudar àiteachan-fuirich, bùithtean, leabhar-lann agus taigh-òsta a thogail do luchd-obrach an rathaid-iarainn. Bha e na phrìomh phort do dh'aiseag an Eilein Sgitheanaich gu 1995, nuair a dh'fhosgladh an drochaid.<br /> <br /> Tha dùil gun robh crodh Gàidhealach ann an Alba bhon t-6mh linn. An toiseach, bha dà sheòrsa ann. Fhuaradh an seòrsa beag, dubh air na h-eileanan mar bu trice. Bha iad na bu treasa ach cha do dh'fhàs iad ach gu math slaodach. Chaidh an seòrsa ruadh bho thìr-mòr na àite. Tha an crodh Gàidhealach ainmeil airson an adhaircean--an fheadhainn fhireann agus bhoireann le chèile--agus airson am bèin mhollaich. Bidh an fheadhainn bhoireann cho trom ri tunna, agus an fheadhainn fhireann gu tric nas truime. 'S e iadsan an crodh feòla clàraichte as sine san Roinn Eòrpa.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a tharraing bhon leabhar 'Picturesque Ross-shire, Strathpeffer and Dingwall' a chaidh fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofharain timcheall air 1900