Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sir Dòmhnall Dòmhnallach
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_09
ÀITE
Inbhir Nis
DEIT
1924
LINN
1910an;1920an
CRUTHADAIR
David Alison
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
384
KEYWORDS
Taigh Baile Inbhir Nis
dealbhan
pròbhaistean
Dàibhidh Alison
Courier Inbhir Nis
gual
longan
Ceasag
Baile na Creige
an Caibineat
Sir Donald Macdonald

Tha an dealbh seo de Shir Dòmhnall Dòmhnallach ann am Prìomh Thalla Taigh Baile Inbhir Nis. Chaidh an dealbh, le Dàibhidh Alison, RSA, a thoirt dhan bhaile air an 24mh dhen t-Sultain 1924.

Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach ann an Inbhir Nis. Rinn e ionnsachadh obrach mar chruinniche agus bha e ag obair airson iomadach bliadhna airson Courier Inbhir Nis. Stèidhich e a ghnìomhachas fhèin mar mharsanta. Bha ùidh aige ann an longan agus fhuair e sealbh air iomadh long malairt 's e a' toirt gual dhan sgìre. An dèidh sin, chaidh e na neach-compàirt anns a' ghnothachas Dòmhnallach agus Moireasdan, àidseantean luing agus marsantan guail. 'S ann leis a bha oighreachd Cheasaig agus Bhaile na Creige.

Bha an Dòmhnallach na bhall de Chomhairle a' Bhaile airson còrr air 30 bliadhna. Bha e na phròbhaist bho 1916 gu 1922.

B' ann na ùine na phròbhaist a chùm Caibineat Bhreatainn coinneamh ann an Taigh Baile Inbhir Nis air an 7mh dhen t-Sultain 1921. B' e seo an aon choinneamh de chaibineat Riaghaltas Bhreatainn a chaidh a chumail air taobh a-muigh Lunnainn.

Fhuair an Dòmhnallach urram ridire ann an 1922. Dh'eug e air an 21mh dhen Ògmhios 1934

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sir Dòmhnall Dòmhnallach

1910an;1920an

Taigh Baile Inbhir Nis; dealbhan; pròbhaistean; Dàibhidh Alison; Courier Inbhir Nis; gual; longan; Ceasag; Baile na Creige; an Caibineat

Am Baile

Inverness Town House 2007