Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clann-nighean an sgadain, Steòrnabhagh
EXTERNAL ID
QZP99_92052_03_05
ÀITE
Steòrnabhagh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38404
KEYWORDS
sgadan
iasgach
sgoltadh
obair
iasg
iasgach sgadain
Herring Girls, Stornoway

San dealbh-chamara seo chithear buidheann de bhoireannaich a' cutadh èisg air a' Mhol a Deas, Steòrnabhagh. Chaidh na togalaichean sa chùl an aithneachadh o chionn greiseag. Chaidh an togalach dhan fhìor dheas, Taigh a' Mhoil/ Beach House, a leagail sna 1950an agus togalach ùr a thogail ann ann an 1958 - Oifisean Comhairle Siorrachd Rois is Chrombaigh, an-diugh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar. B' e an togalach beag sa mheadhan, a chaidh a leagail mu 1957, bùth-èisg Ùisdein MhicCoinnich. B' e taigh-saillidh èisg a bha san togalach dhan taobh chlì, a chaidh a leagail cuideachd mu 1957 agus ath-thogail às dèidh sin. Tha ionad rùmannan-ionnlaid an-diugh san àite.

Tha an dealbh seo a' sealltainn bhoireananch a' sgoltadh èisg ann an Steòrnabhagh. Bha na boireannaich seo, 'Clann-nighean an Sgadain', a' leantainn bàtaichean an sgadain mu chost Bhreatainn gach bliadhna. Bha iad ag obair ann an sgiobaidhean de thriùir, dithis a' sgoltadh is te a' cur an sgadain ann am baraillean. Bha an sgadan air a chur ann an amaran mòra fiodha air an robh 'farlans'. Bhiodh an luchd-sgoltaidh a' glanadh an èisg le aon bhuille den sgithinn. B' urrainn don mhòrchuid de bhoireannaich mu 40 iasg a sgoltadh gach mionaid, ach bha cuid fiù 's nas luaithe na seo.

Bha an t-iasg a' dol ann am baraillean a rèir meud is bha tuathanaich a' cleacdhadh nam mionaich mar thodhar. Bha am beatha is an obair duilich. Bha sgioba a' siubhal, ag obair is a' fuireach còmhla fad an t-sèasain. Bha an là-obrach fada, ag obair air cidheachan fosgailte. Bha na boireannaich a' cur pìosan cotain no sac mu na corragan aca gus an dìon o na sgeinnean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clann-nighean an sgadain, Steòrnabhagh

ROS: Steòrnabhagh

sgadan; iasgach; sgoltadh; obair; iasg; iasgach sgadain

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive

San dealbh-chamara seo chithear buidheann de bhoireannaich a' cutadh èisg air a' Mhol a Deas, Steòrnabhagh. Chaidh na togalaichean sa chùl an aithneachadh o chionn greiseag. Chaidh an togalach dhan fhìor dheas, Taigh a' Mhoil/ Beach House, a leagail sna 1950an agus togalach ùr a thogail ann ann an 1958 - Oifisean Comhairle Siorrachd Rois is Chrombaigh, an-diugh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar. B' e an togalach beag sa mheadhan, a chaidh a leagail mu 1957, bùth-èisg Ùisdein MhicCoinnich. B' e taigh-saillidh èisg a bha san togalach dhan taobh chlì, a chaidh a leagail cuideachd mu 1957 agus ath-thogail às dèidh sin. Tha ionad rùmannan-ionnlaid an-diugh san àite.<br /> <br /> Tha an dealbh seo a' sealltainn bhoireananch a' sgoltadh èisg ann an Steòrnabhagh. Bha na boireannaich seo, 'Clann-nighean an Sgadain', a' leantainn bàtaichean an sgadain mu chost Bhreatainn gach bliadhna. Bha iad ag obair ann an sgiobaidhean de thriùir, dithis a' sgoltadh is te a' cur an sgadain ann am baraillean. Bha an sgadan air a chur ann an amaran mòra fiodha air an robh 'farlans'. Bhiodh an luchd-sgoltaidh a' glanadh an èisg le aon bhuille den sgithinn. B' urrainn don mhòrchuid de bhoireannaich mu 40 iasg a sgoltadh gach mionaid, ach bha cuid fiù 's nas luaithe na seo.<br /> <br /> Bha an t-iasg a' dol ann am baraillean a rèir meud is bha tuathanaich a' cleacdhadh nam mionaich mar thodhar. Bha am beatha is an obair duilich. Bha sgioba a' siubhal, ag obair is a' fuireach còmhla fad an t-sèasain. Bha an là-obrach fada, ag obair air cidheachan fosgailte. Bha na boireannaich a' cur pìosan cotain no sac mu na corragan aca gus an dìon o na sgeinnean