Ùrachadh mu Dheireadh 27/04/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh beag faisg air Aichillidh Bhuidhe
EXTERNAL ID
QZP99_93134_07_01
ÀITE
Aichillidh Bhuidhe
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38461
KEYWORDS
croitearachd
taighean
togalaichean
bàrr
fàs
leth-eileanan
Cottage near Achiltibuie

Tha e coltach gu bheil mullach de theàrr-anart air an taigh san dealbh seo fhad 's a tha mullach tughaidh air an taigh-muigh. Thuirt cuideigin o chionn ghoirid gur dòcha nach b' e seo Achd Ille Bhuidhe ach taobh a-muigh Loch an Inbhir beagan seachad air a' bhun-sgoil air rathad Bhad a' Ghàidheil.

'S e Aichillidh Bhuidhe am prìomh bhaile air an leth-eilean, Coigeach. Tha e a' sgaoileadh a-mach thairis air mu dha mhìle air an t-sliabh air taobh an iar de bhàgh Badantairbeirt. Tha seallaidhean iongantach ann de na h-Eileanan Samhraidh dhan iar-dheas. 'S e na gniomhachasan as motha air fad an leth-eilein croitearachd, iasgach agus turasachd. Bha taighean croite an seo coltach ri taighean eile ann an Gàidhealtachd an Iar.

An-diugh tha Hydroponicum ann an Aichillidh Bhuidhe. Chaidh an cruinneachadh de thaighean-glainne a thogail sna 1980an agus bidh iad a' fàs iomadh seòrsa lus gun ùir. Tha an dòigh fàs seo air a chleachdadh an iomadh àite air feadh an t-saoghail far a bheil an ùir bochd no nach eil mòran uisge ann. Ged a chaidh a chur air bhonn an toiseach gus biadh a chumail ri Taigh-òsta nan Eilean Samhraidh ann an Aichillidh Bhuidhe, tha an Hydroponicum an-diugh a' frithealadh na sgìre gu lèir. Tha gnàth-shìde ro-cheannsaichte nan taighean-glainne a' leigeil le orainsearan, bananathan agus fìogais fàs an siud

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh beag faisg air Aichillidh Bhuidhe

ROS: Loch Bhraoin

croitearachd; taighean; togalaichean; bàrr; fàs; leth-eileanan

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive