Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile croitearachd aig Hogha Gearraidh, Uibhist a Tuath
EXTERNAL ID
QZP99_93134_07_09
ÀITE
Hogha Gearraidh
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38469
KEYWORDS
bailtean
croitearachd
eileanan
clachain
A crofting township at Houghary, North Uist

Tha an dealbh seo a' sealltainn baile croitearachd Hogha Gearraidh air costa siar Uibhist a Tuath. Chan e taighean a th' ann an croitean ach pìosan beaga fearainn. Thòisich an siostam croitearachd mar as aithne dhuinn an-diugh e ri linn nam Fuadaichean air Ghàidhealtachd. Bhiodh iomadh teaghlach ann am baile croitearachd agus bhiodh iad ag obrachadh an aon talaimh croitearachd. Bha am fearann air a chur a-mach fo shiostam roinn-ruithe far am faigheadh gach croitear pìosan fearainn fada caol. Bha na pìosan seo air an riarachadh gach bliadhna ach am biodh am fearann math agus dona air a cho-roinn gu cothromach. Cha do bhrosnaich an siostam seo leasachadh air an talamh agus chaidh siostam lotaichean a chur na àite far an robh gach croitear a' faighinn a lot fhèin. Rinn na h-uachdarain lotan beaga a dh'aon ghnothaich gus gum feumadh na màladairean obair a bharrachd a ghabhail bhon uachdaran. Chaidh suidheachadh nan croitearan am miosad agus mu dheireadh chaidh Coimisean Napier a chur air bhonn gus rannsachadh a dhèanamh; às a seo thàinig Achd nan Croitearan 1886. Thug an t-Achd seo còir-gabhaltais do chroitearan agus thàinig piseach air suidheachadh nam bailtean croitearachd. Cho math ris a phìos fearainn fhèin bha còir aig gach croitear a chuid sprèidh a chur air an fheurach choitcheann

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile croitearachd aig Hogha Gearraidh, Uibhist a Tuath

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

bailtean; croitearachd; eileanan; clachain

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive