Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' luadh phlangaidean anns Na Hearadh
EXTERNAL ID
QZP99_93154_04_08
ÀITE
Na Hearadh
SGÌRE
Na Hearadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38503
KEYWORDS
clò
stuthan
gnìomhachasan ionadail
obair-làimhe
luadh
òran-luaidh
Waulking ["Walking"] blankets on Harris

Mar a tha follaiseach anns an fhacal, 's e dòigh a th' ann an luadh air an Clò Hearach obrachadh agus a chur a-steach beagan gus a dhèanamh nas tighe. 'S ann às a' 14mh linn a tha am facal 'waulking' a chaidh a thoirt air a' ghnìomh le duine aig nach robh a' Ghàidhlig ach a chunnaic luadh air a dhèanamh le casan agus a dh'atharraich am facal 'walking'. Ann an Alba, chaidh luadh a dhèanamh airson a' chuid as motha leis na làmhan agus le boireannaich a-mhàin.

Shuidheadh na boireannaich timicheall air bòrd air am biodh an clò. Nan robh am bòrd ro bheag, chleachdadh iad doras a chaidh a thoirt far nam bannan aige. Bhiodh an àireamh de bhoireannaich a bhiodh a' gabhail pàirt ag atharrachadh ach mar as trice bhiodh boireannach aig gach ceann agus ceathrar no còignear sìos gach taobh. Tron luadh fhèin bhiodh gach boireannach a' tarraing a' chlò ga h-ionnsaigh, ga ghluasad beagan chun an làimh chlì mus putadh i e air ais 's ga bhualadh air a' bhòrd. Bha an clò ga ghluasad timcheall deiseal gus an gabhadh a làimhseachadh gu cunbhalach. 'S e droch fhortan a bh' ann nan deaghadh an clò a ghluasad tuathal.

Bhiodh òran-luaidh, ceòl nach eil ri lorg ann an àite sam bith eile san Roinn Eòrpa an Iar, a' dol leis an obair. Tha iad làn ruitheam agus bhiodh a' bhuille a' cumail ri bualadh a' chlò. Bhiodh aon bhoireannach a' gabhail an rainn agus bhiodh a h-uile duine eile a' seinn na sèist còmhla rithe. Mar as trice tha na rannan agus na sèistean gu math goirid uaireannan lide no dhà ach faodaidh gu leòr dhiubh a bhith ann. Tha fear de na h-òrain-luaidh as fhaide, 'Seathan' (mac Rìgh Eirinn) a' dol thairis air duilleagan agus bidh e a' toirt còrr is uair ga ghabhail.

Dh'fhaodadh an luadh a dhol air adhart airson dhà no tri uairean a thìde agus gu math tric bhiodh cèilidh ann nuair a bhiodh e deiseil. Anns an dara leth den 20mh linn b' urrainn innealan an luadhadh a dhèanamh airson clò a bha air a dhèanamh airson malairt agus tha an luadh traidiseanta a-nis air a dhèanamh le cuid de chomainn agus de ghnìomhachasan-dachaigh

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' luadh phlangaidean anns Na Hearadh

INBHIR NIS: Na Hearadh

clò; stuthan; gnìomhachasan ionadail; obair-làimhe; luadh; òran-luaidh

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive