Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-tughaidh, Eilean Bharraigh
EXTERNAL ID
QZP99_94052_06_07
ÀITE
Barraigh
SGÌRE
Barraigh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Barraigh
CRUTHADAIR
I F Grant
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38642
KEYWORDS
taigheadas
taigh-croite
taigh-tughaidh
Thatched Cottage, Barra

'S ann on chruinneachadh aig an neach-eachdraidh is an neach-dualchais, Iseabail F. Ghrannd, a thàinig an dealbh seo agus chithear ann Taigh-tughaidh air Eilean Bharraigh. San leabhar 'Highland Folk Ways', tha I F Ghrannd ag innse mu na taighean a bh' aig daoine air a' Ghàidhealtachd agus mu na dòighean eadar-dhealaichte san deach an togail.

San taigh seo chithear dòighean togail a tha coltach ri dà stoidhle air an do chuir I F Ghrannd stoidhle 'An Eilein Fhada' no o Innse Gall a-muigh, agus cuideachd stoidhle taobh an ear is meadhan na Gàidhealtachd . Bhiodh an dà dhòigh togail glè thric a' tighinn an ceann a chèile ann an togalaichean na Gàidhealtachd. Coltach ris an t-seòrsa 'An t-Eilean Fada', tha oiseanan cruinn air an taigh seo a leigeadh seachad a' ghaoth. Coltach ris an fheadhainn air taobh an ear is meadhan na Gàidhealtachd tha am mullach tughaidh a' stobadh a-mach beagan thairis air ballachan an taighe. Bha an seòrsa cunbhalach 'An t-Eilean Fada' air a thogail le balla dùbailte agus air a lìonadh le ghainmheach no ùir eatarra (an glutadh), agus am mullach na laighe air mullach a' bhalla a-staigh.

Tha tughadh an taighe seo a' sealltainn an t-seòrsa stoidhle 'Long Island'. Air na h-eileanan an Innse Gall a-muigh 's e connlach no muran mar bu trice a bhiodh air an cleachdadh airson an tughaidh. Chaidh an tughadh seo a cheangal sìos le ròpan is clachan troma orra, a chithear mu oirean a' mhullaich san dealbh seo. Chithear dà mhaide a' putadh suas tron tughadh gach ceann den mhullach. 'S e 'Maide Feannaig', no 'raven's stick', a bhiodh aca orra seo. Bhiodh sìomanan no ròpan an tughaidh aig ceann an taighe an toiseach air an toinneamh mun mhaide 's an uair sin bhiodh iad air an tromachadh le clachan.

Chithear gun deach similear a chur ris an taigh thraidiseanta chinn-chruinn seo. Ghabhadh an uair sin teinntean no stòbha ùr a chur ann

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-tughaidh, Eilean Bharraigh

INBHIR NIS: Barraigh

taigheadas; taigh-croite; taigh-tughaidh

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive