Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taighean, Circebost, Uibhist a Tuath
EXTERNAL ID
QZP99_94052_11_07
ÀITE
Circebost
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
CRUTHADAIR
Miss Violet Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38681
KEYWORDS
eileanan
taighean
togalaichean
togail
Housing, Kirkibost, North Uist

'S e eilean air nach eil duine a' fuireach faisg air costa siar Uibhist a Tuath a th' ann an eilean Chirceboist, tuath air A' Bhaile Shear. Tha e mìle gu leth a dh'fhaid, is chan eil e buileach leth mhìle a leud. Nuair a tha ìsle-mhara ann, cha mhòr nach eil an t-eilean a' ruigeil cladach Uibhist a Tuath, leis a' ghainmhich eadar an dà àite. Tha baile Chladach Chirceoboist air Uibhist a Tuath fhèin, mu choinneamh eilean Chirceboist.

Tha an dealbh seo a' sealltainn fhireannach a' togail taigh. Tha mòran de na ballachan nan àite ach tha tulchann eile, trostain airson a' mhullaich is mullach fhèin a dhìth fhathast. Chan eil e soilleir a bheil iad a' togail air an eilean no ann an Cladach Chirceboist. Tha an dealbh on chruinneachadh aig an Dotair I. F. Grannd, a' sealltainn beatha air an tuath air a' Ghàidhealtachd anmoch san 19mh is tràth san 20mh linn

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taighean, Circebost, Uibhist a Tuath

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

eileanan; taighean; togalaichean; togail

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive