Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Sir Murdoch Macdonald

Tha an ìomhaigh umha seo de cheann agus guailnean Shir Mhurchaidh MhicDhòmhnaill le Gladys Barron a thaisbeanadh aig an Acadamaidh Rìoghail ann an 1933. Tha e air a thaisbeanadh ann am Prìomh Thalla Taigh Baile Inbhir Nis.

Rugadh MacDhòmhnaill ann an Inbhir Nis, an seachdamh duine de naoinear chloinne. Fhuair e foghlam ann an Aitreabh Bhell, far a bheil Leabharlann Inbhir Nis a-nis. Fhuair e obair aig Loidhne-rèile na Gàidhealtachd mar chlèireach agus an uair sin chaidh e gus ionnsachadh dreuchd fhaighinn còmhla ris an Àrd neach-innleachdaidh. Bho 1891 gu 1894, b' e an neach-innleachdaidh stèidhichte airson Loidhne-rèile An Eilein Duibh.

Ann an 1898 chaidh MacDhòmhnaill dhan Èipheit gus obair air Dàm Aswan agus an dèidh sin mar chomharlaiche air uisgeachadh agus drèanadh. Fhuair e urram KCMG (Knight Commander of St. Michael and St George) ann an 1914.

Rè a' Chiad Chogaidh Mhòir bha MacDhòmhnaill a' comhairleachadh air dìon Slighe-uisge Suez. Fhuair e urram CB (Companaion of Bath) ann an 1917. Air ais anns An Rìoghachd Aonaichte stèidhich e a chompanaidh innleachdaidh fhèin - Sir Murdoch MacDoald and Partners.

Bha MacDhòmhnaill na BP Libearalach bho 1922 gu 1925 agus fhuair e Saorsa Inbhir Nis ann an 1930. An dèidhtachartas a thachair dha fhèin bhrosnaich e Rùnaire na h-Alba òrdugh dìon a chur air uilbheist Loch Nis. Dh'eug e air a' 24mh dhen Ghiblean 1957

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sir Murchadh MacDhòmhnaill

1930an

Taigh Baile Inbhir Nis; ìomhaighean ceann is guailnean, Gladys Barron; Aitreabh Bhell; Loidhne-rèile na Gàidhealtachd; Loidhne-rèile An Eilein uibh; An Èipheit; innleachdas; BP; Uilbheist Loch Nis; saorsa a' bhaile; Drochaid Nis

Am Baile

Inverness Town House 2007