Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh mionaideach de mhullach taigh-còmhnaidh, Srath Èireann
EXTERNAL ID
QZP99_94130_06_03
ÀITE
Srath Èireann
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais
CRUTHADAIR
I F Grant
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38701
KEYWORDS
taighean croite
taighean dubha
tughadh
taigheadas
mullaichean taighean
Detail of Cottage Roof, Strathdearn

'S ann on chruinneachadh aig an neach-eachdraidh is an neach-dualchais, Iseabail F. Ghrannd, a thàinig an dealbh seo agus chithear ann gu mionaideach mullach briste ann an Srath Èireann an Siorrachd Inbhir Nis.

Bha mullach de sheann taigh Gàidhealach air a dhèanamh le frèama de shailean fiodha. Bhiodh còmhdach de sgrathan a chur air mullach sin agus an uair sin còmhdach de thughadh. San leabhar 'Highland Folk Ways', tha I. F. Grant a' toirt seachad fios air dà dhòigh aig na Gàidheil gus taigh a thughadh. Bha aon dòigh air a cleachdadh sna togalaichean air taobh an ear is meadhan na Gàidhealtachdagus an dòigh eile san sgìre air a bheil i a' cur 'An t-Eilean Fada', no Innse Gall a-Muigh. Bhiodh an dà dhòigh togail glè thric a' tighinn an ceann a chèile ann an togalaichean ann an Innse Gall A-staigh agus ann an sgìrean air a' chost an iar thuath.

San dealbh seo, 's dòcha gu bheil na cabair a tha a' lùbadh ris a' mhullach den t-seòrsa fiodha a bhiodh a' dol ann am frèam a' mhullaich. Chaidh am pàirt as ìsle de thulchann an taighe seo a thogail le clachan, agus chaidh fiodh an uair sin a chur ann gus am biodh an tulchann a' ruighinn àirde druim a' mhullaich.

Chaidh an tughadh a rùsgadh on mhullach seo, a' nochdadh còmhdach de sgrathan a bha air mullach frèam fhiodha. Tha na sgrathan a chithear san dealbh seo den t-seòrsa a bha cunbhalach ann an stoidhle na Gàidhealtachd sa Mheadhan 's san Ear. Aon uair 's gun robh frèam ann, bhiodh slatan no geugan air an càradh ann an sreathan tarsainn air a mhuin. Bhiodh an uair sin còmhdach de sgrathan gan cur air muin seo, agus air a' Ghàidhealtachd sa Mheadhan 's san Ear, bhiodh aon cheann de na sgrathan seo air an gearradh gu faiceallach ann an cumadh slige. Bhiodh iad an uair sin air an càradh air a' mhullach ann an sreathan a' dol thar a chèile, a' tòiseachadh aig a' bhonn, le cumadh na slige ris a' cheann shìos, agus bhiodh iad air an tàirgneadh nan àite le meangain bheaga fraoich. Ged a tha am mullach san dealbh seo gu math briste, gabhaidh cumadh na slige air cuid de na sgrathan seo am faicinn gu furasta.

An dèidh dha na sgrathan a bhith air an càradh air, bha am feur tughaidh air a chruinneachadh ann an trusan is air a phutadh fo na sgrathan. Air taobh an ear is am meadhan na Gàidhealtachd bha connlach an eòrna air a mheas a bhith na stuth a b' fheàrr airson tughaidh. Bhiodh fraoch, feur na mòintich, luachair, conasg is raineach cuideachd air an cleachdadh

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh mionaideach de mhullach taigh-còmhnaidh, Srath Èireann

INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais

taighean croite; taighean dubha; tughadh; taigheadas; mullaichean taighean

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive