Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taobh a-staigh taighe, Barraigh
EXTERNAL ID
QZP99_94157_07_06
ÀITE
Barraigh
SGÌRE
Barraigh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Barraigh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38791
KEYWORDS
eileanan
taighean
togalaich
leapannan
Cottage interior, Barra

Tha an dealbh seo a' sealltainn taobh a-staigh taighe ann am Barraigh. Tha greideal crochte os cionn an teine fhosgailte is chithear leabaidh, le cùirtearan mu thimcheall oirre, ris cùl na deilbh. 'S e eilean beag aig ceann a deas nan Eileanan Siar a th' ann am Barraigh. Tha e ochd mìle an dàrna taobh is còig mìle an taobh eile. Thug Tighearna nan Eilean an t-eilean do Ghilleonan MacNèill ann an 1427. Chaidh a reic ri Còirneal Gòrdan à Cluanaidh san 19mh linn is chaidh a' mhòrchuid den t-sluagh fhuadach gus caoraich a chur air an fhearann. Cheannaich clann MhicNèill an oighreachd air ais san 20mh linn.

'S e Bàgh a' Chaisteil am prìomh bhaile ann am Barraigh. Tha Caisteal Chìosmuil, daingneachd Chlann MhicNèill, air eilean beag creagach sa bhàgh. Tha an aon phort-adhair air gainmhich san t-saoghal a tha a' dèiligeadh ri turasan-adhair clàraichte ann am Barraigh. Tha itealain a' dol eadar Barraigh is Beinn a' Bhaoghla is Glaschu

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taobh a-staigh taighe, Barraigh

INBHIR NIS: Barraigh

eileanan; taighean; togalaich; leapannan

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive