Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Baintighearna Ghrange, Hiort
EXTERNAL ID
QZP99_97107_04_02
ÀITE
Hiort
SGÌRE
Na Hearadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38826
KEYWORDS
Seumasaich
fuadach
cleitean
Lady Grange's House, St Kilda

Thathar ag ràdh gur ann sa chleit seo a bha a' Bhaintighearna Grange air a cumail nuair a chaidh a fuadach gu eilean Hiort. Ach, chan eil dearbhadh sam bith ann airson seo. Bha Baintighearna Ghrange (Rachel Chiesley, 1682-1745) pòsta aig Seumas Erskine, Morair Tagraidh na h-Alba. An dèidh dhaibh dealachadh ann an 1730 thòisich I a' fàgail air gur e tagraiche Seumasach a bh' ann. Thuirt esan gun robh I às a ciall agus, an dèidh sin, gun robh I marbh. Fhad 's a bha a 'tiodhlacadh' ga chumail an Dùn Èideann, chaidh a goid air falbh is a toirt a dh'Uibhist a Tuath mar phrìosanach agus, ann an 1734, gu Hiort. Cha robh I na h-aonar fhad 's a bha I an sin - bha biadh aice fad na tìde is boireannach a' frithealadh oirre. Fhuair I air litir a chur gu a càirdean ann an Dùn Èideann ag innse mar a thachair, ach cha b' urrainn dhaibh dad a dhèanamh mu dheidhinn. An dèidh ochd bliadhna, chaidh a gluasad dhan Eilean Sgitheanach. Bhàsaich I ann an 1742 no 1746.

Tha e coltach gun tuirt an Dotair MacIain ri MacLeòid, uachdaran Hiort nan leigeadh e fios mu sgaoil "that he had such a place for naughty ladies, he might make it a very profitable island" (ann an "Journal of a Tour to the Hebrides" aig Boswell)

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Baintighearna Ghrange, Hiort

INBHIR NIS: Na Hearadh

Seumasaich; fuadach; cleitean

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive