Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-tughaidh, Uibhist a Deas
EXTERNAL ID
QZP99_97107_09_05
ÀITE
Uibhist a Deas
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
CRUTHADAIR
Margaret Fay Shaw (Mrs J L Campbell)
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38844
KEYWORDS
taigh-croite
taigheadas
taigh-tughaidh
Thatched Cottage, South Uist

'S ann on chruinneachadh aig an neach-eachdraidh is an neach-dualchais, Iseabail F. Ghrannd, a thàinig an dealbh seo agus chithear ann Taigh-tughaidh ann an Uibhist a Deas. San leabhar 'Highland Folk Ways', tha I F Ghrannd ag innse mu na taighean a bh' aig daoine air a' Ghàidhealtachd agus 's na h-eileanan agus mu na dòighean eadar-dhealaichte san deach an togail.

San taigh seo chithear dòighean togail a tha coltach ri dà stoidhle air an tug I F Ghrannd stoidhle 'An Eilein Fhada' no o Innse Gall a-muigh, agus cuideachd stoidhle taobh an ear is meadhan na Gàidhealtachd. Bhiodh an dà dhòigh togail glè thric a' tighinn an ceann a chèile ann an togalaichean na Gàidhealtachd. Coltach ris an t-seòrsa 'An t-Eilean Fada', tha oiseanan cruinn aig an taigh seo a leigeadh seachad a' ghaoth. Coltach ris an fheadhainn air taobh an ear is meadhan na Gàidhealtachd tha am mullach tughaidh a' stobadh a-mach beagan thairis air ballachan an taighe. Bha an seòrsa cunbhalach 'An t-Eilean Fada' air a thogail le balla dùbailte agus lìonadh de ghainmheach no ùir eatarra (an glutadh), agus am mullach na laighe air mullach a' bhalla a-staigh.

Ann an Innse Gall a-Muigh, 's e connlach no muran a bu trice a chleachdadh iad airson tughadh. Tha e coltach gun deach an stuth tughaidh aig an taigh seo a cheangal sìos le lìn, le cuideaman de sparran fiodha ri oirean bonn an tughaidh ga chumail sìos

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-tughaidh, Uibhist a Deas

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

taigh-croite; taigheadas; taigh-tughaidh

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive