Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taighean-tughaidh, Cill Donnain, 1902
EXTERNAL ID
QZP99_97107_09_07
ÀITE
Cill Donnain
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38846
KEYWORDS
taigh
taigheadas
each
cairt
feansaichean
Thatched Cottages, Kildonan, 1902

'S ann on chruinneachadh aig an neach-eachdraidh is an neach-dualchais, Iseabail F. Ghrannd, a thàinig an dealbh seo air a bheil an tiotal 'Cottages at Kildonan'. Tha àireamh de bhailtean beaga ann an Alba leis an ainm Cill Donnain, agus chan eil e soilleir cò am fear aca a tha san dealbh seo, ach 's e as coltaiche gur e Cill Donnain ann an Uibhist a Deas a th' ann.

San leabhar 'Highland Folk Ways', tha I F Ghrannd ag innse mu na taighean a bh' aig daoine air a' Ghàidhealtachd agus 's na h-eileanan agus mu na dòighean eadar-dhealaichte san deach an togail. Tha coltas de sheòrsa a nochd 's an ochdamh linn deug air an t-sreath de thaighean san dealbh seo. Aithnichidh duin' an stoidhle seo air na h-oirean ceàrnagach, na tulchannan triantanach agus gu h-àraid air na luidhearan simileir 's na tulchannan. Mar a th' air na taighean seo, 's e tughadh a th' air mòran den t-seòrsa togalaich seo, ged a bha mullach de sglèat air mòran aca cuideachd. Tha poirdsichean air an cur ri dhà de na taighean seo, aon phoirdse air a dhèanamh le fiodh agus am fear eile air a thogail le clachan

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taighean-tughaidh, Cill Donnain, 1902

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

taigh; taigheadas; each; cairt; feansaichean

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive