Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taobh a-staigh cidsin, le cuibhle Shasannach, Uibhist a Deas
EXTERNAL ID
QZP99_97107_18_01
ÀITE
neo-aithnichte
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
CRUTHADAIR
Margaret Fay Shaw (Mrs J L Campbell)
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38876
KEYWORDS
snìomh
clòimh
cuibhlichean
obair
Kitchen Interior including a saxony wheel, South Uist

Tha an dealbh seo a' sealltainn bean Ruairidh MhicLeòid ag obair le cuibhle-shnìomh Shasannach ann an cidsin an taigh croite aca ann an Uibhist a Deas. Bha cuibhlichean-snìomha cumanta air taobh sear na Gaidhealtachd anmoch san 18mh linn, ach bha faisg air 100 bliadhna eile mus robh iad cumanta san taobh siar is anns na h-Eileanan Siar. Bha dà sheòrsa ann - a' chuibhle mhòr 'muckle' is a' chuibhle 'shasannach' ('saxony').

Bha a' chuibhle thràth, am 'muckle', gu math sìmplidh. Bha bann a' ceangal na cuibhle mhòir ri dealgan beag (b' e pìos iarainn a bha seo mar bu thrice) is bha a' chlòimh ceangailte ri seo. Bhathas a' tionndadh na cuibhle gu slaodach le aon làimh agus a' cumail is a' toinneamh na clòimhe leis an làimh eile, is bha seo a' toirt air an dealgan tuilleadh clòimhe a thoirt on phasgan. Dh'fhaodadh a' chuibhle a cur air ais is thogadh an dealgan a' chlòimh a bh' air a snìomh.

Thàinig a' chuibhle Shasannach na h-àite mu dheireadh, is bha mòran bhuannachdan an seo. Bha i na bu lugha, is bha am bann a' tionndadh boban a bharrachd air an dealgan a-mhàin. Mar seo, dh'fhaodaist a' chlòimh a thoinneamh fhad 's a bha i a'dol air a' bhoban. Bha a' chuibhle seo air a h-oibreachadh le seòl-coise, is mar sin gheibheadh duine air oibreachadh na shuidhe. Tha a' chuibhle seo fhathast air a cleachdadh le cuid an-diugh.

'S e Uibhist a Deas an dara eilean as motha anns na h-Eileanan Siar, le meud 79,136 acair. Tha an taobh an ear làn de lochan-mara - Loch Sgioport, Loch Aineort is Loch Baghasdail - is na cnuic Hecla (606m / 1,988 troigh), Beinn Mhòr (620m / 2,034 troigh) is Stulabhal (374m / 1,227 troigh). Tha mòran lochan fìor-uisge air an taobh an iar, air cùlaibh mu 20 mìle de thràigh. 'S e Loch Baghasdail an aon bhaile air an taobh sear, is 's ann ann a tha aiseagan a' tighinn dhan eilean às An Òban, Malaig is Barraigh. Tha ceann a tuath an eilein air a cheangal ri Beinn a' Bhaoghla le Drochaid O' Reagan (1943) a tha a' dol tarsainn air an Fhadhail a Deas

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taobh a-staigh cidsin, le cuibhle Shasannach, Uibhist a Deas

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

snìomh; clòimh; cuibhlichean; obair

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive