Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh le fiodh mullach-taighe, Poll Nis
EXTERNAL ID
QZP99_97107_19_01
ÀITE
Poll Nis
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38881
KEYWORDS
taighean
togalaichean
togail
mullaich
House with roofing timbers, Polnish

Chaidh an dealbh seo de thaigh a thogail aig Poll Nis, eadar Loch Ailleart is Arnipol. Tha e a' sealltainn ballachan an taighe air an dèanamh de chloich-thioram, le fiodh a' mhullaich na laighe air a' bhalla a-staigh. Bha iad seo cudromach dha-rìreabh, oir bha fiodh gann ann an cuid de sgìrean ann an ceann an iar-thuath na Gaidhealtachd is na h-eileanan. Bhiodh teaghlaichean uaireannan a' toirt fiodh a' mhullaich leotha ma bha iad a' gluasad gu taigh ùr.

Tha baile air a bhith aig ceann Loch Ailleart o 1650 co-dhiù, nuair a chaidh taigh-aoigheachd a chlàradh an sin. Ann an 1750, bha e mòr gu leòr airson nochdadh air map mar 'Kinloch Hoylort'. Tràth anns na 1800an, chaidh an 'Rathad gu na h-Eileanan' aig Tòmas Telford a thogail tro Cheann Loch Ailleart air a shlighe on Ghearasdan gu Arasaig, is gu Malaig a-rithist. Tha Rèile Thaobh Siar na Gaidhealtachd a' ruith tro Loch Ailleart cuideachd. Mu 1900, chaidh ainm a' bhaile atharrachadh o Cheann Loch Ailleart gu Loch Ailleart. Chuir cuid fàilte air seo, ach bha daoine eile mì-thoilichte leis, ag ràdh gur e baile a bh' ann an Ceann Loch Ailleart is uisge a bh' ann an Loch Ailleart

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh le fiodh mullach-taighe, Poll Nis

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

taighean; togalaichean; togail; mullaich

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive