Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP99_97107_19_09
ÀITE
Cille Mhoire
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38886
KEYWORDS
taighean
croitearachd
croitean
togalaichean
Kilmuir, Skye

Taigh-tughaidh san Eilean Sgitheanach, on chruinneachadh aig I.F. Ghrannd a' sealltainn beatha air an tuath sa Ghaidhealtachd is na h-Eileanan tràth san fhicheadamh linn. Thog an Dotair Ghrannd mòran de na dealbhan i fhèin, is chruinnich i dealbhan aig daoine eile.

'S e sgìre air taobh siar rubha Throndairnis san Eilean Sgitheanach a th'ann an Cille Mhoire. B' e 'giornalair an Eilein Sgitheanaich' a bh' air an sgìre uaireigin air sgàth 's na bhathas a' cur ann. Tha e mu cheithir mìle a dh'fhaid is tha bailtean beaga croitearachd ann, le Cille Mhoire nam measg. Bha pàirt den fhearann na loch, ach chaidh a thraoghadh gus tuilleadh fearann ionaltraidh fhaighinn. Chithear cnoc an eilein far an do stèidhich Calum Cille caibeal, is a thàinig gu bhith na ionad airson Crìosdaidheachd san Eilean Sgitheanach.

'S ann ann an Cille Mhoire a tha Taigh-tasgaidh Dòigh-beatha an Eilein Sgitheanaich, cruinneachadh de thaighean-tughaidh air an ath-thogail a' sealltainn mar a bhiodh baile croitearachd. Tha Flòraidh NicDhòmhnaill is a cèile, Ailean, air an tiodhlacadh ann an Cille Mhoire

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

taighean; croitearachd; croitean; togalaichean

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive