Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seann taigh aig Loch Ailleart
EXTERNAL ID
QZP99_97107_20_05
ÀITE
Loch Ailleart
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38888
KEYWORDS
taighean
togalaichean
tuineachaidhean
bailtean
similearan
Old house at Lochailort

Tha an seann taigh seo air a thogail le clachan is tha tughadh air a' mhullach. Tha dà shimileir air an dèanamh le bogsaichean fiodha air a' mhullach. Tha an dealbh on chruinneachadh aig I.F. Ghrannd a' sealltainn beatha air an tuath sa Ghaidhealtachd is na h-Eileanan tràth san fhicheadamh linn. Thog an Dotair Ghrannd mòran de na dealbhan i fhèin, is chruinnich i dealbhan aig daoine eile cuideachd.

Tha baile air a bhith aig ceann Loch Ailleart o 1650 co-dhiù nuair a chaidh taigh-aoigheachd a chlàradh an sin. Ann an 1750, bha e mòr gu leòr airson nochdadh air map mar 'Kinloch Hoylort'. Tràth anns na 1800an, chaidh an 'Rathad gu na h-Eileanan' aig Tòmas Telford a thogail tro Cheann Loch Ailleart air a shlighe on Ghearasdan gu Arasaig, is gu Malaig a-rithist. Tha Rèile Taobh Siar na Gaidhealtachd a' ruith tro Loch Ailleart cuideachd. Mu 1900, chaidh ainm a' bhaile atharrachadh o Cheann Loch Ailleart gu Loch Ailleart. Chuir cuid fàilte air seo, ach bha daoine eile mì-thoilichte leis, ag ràdh gur e baile a bh' ann an Ceann Loch Ailleart is uisge a bh' ann an Loch Ailleart

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seann taigh aig Loch Ailleart

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

taighean; togalaichean; tuineachaidhean; bailtean; similearan

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive