Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh ri taobh Loch Toirbheartan
EXTERNAL ID
QZP99_97107_21_07
ÀITE
Loch Toirbheartain
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38891
KEYWORDS
bothain
taighean
togalaichean
lochan
cnuic
beanntan
Cottage by Loch Torridon

Tha an taigh-tughaidh san dealbh seo faisg air Loch Toirbheartan, a tha eadar An Rubha Dearg is Rubha na Fearn air Taobh Siar Rois. Tha Loch Toirbheartan Uarach, Loch Dìobaig, Loch Sildeag is Loch a' Chreagach uile a' ruith gu Loch Toirbheartan. Tha abhainn Thoirbheartan a' ruith tro Ghleann Thoirbheartain gu Loch Toirbheartan Uarach.

Tha an dealbh on chruinneachadh aig I.F. Ghrannd a' sealltainn beatha air an tuath sa Ghaidhealtachd is na h-Eileanan tràth san fhicheadamh linn. Thog an Dotair Ghrannd mòran de na dealbhan i fhèin, is chruinnich i dealbhan aig daoine eile cuideachd.

Tha an sgìre uabhasach mòr-chòrdte aig luchd-coiseachd nan cnoc, oir tha e a' gabhail a-steach nan naoi stùcan air Beinn Eighe (thar 3,300 troigh), na seachd stùcan air Liathach (tha dhà dhiubh thar 3,000 troigh) is Beinn Ailiginn (3,232 troigh). 'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha a' mhòr-chuid den fhearann san sgìre an-diugh, oir chaidh a thoirt dhaibh nuair a bhàsaich an 4mh Iarla Lovelace.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh ri taobh Loch Toirbheartan

ROS: A' Chomraich

bothain; taighean; togalaichean; lochan; cnuic; beanntan

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

Tha an taigh-tughaidh san dealbh seo faisg air Loch Toirbheartan, a tha eadar An Rubha Dearg is Rubha na Fearn air Taobh Siar Rois. Tha Loch Toirbheartan Uarach, Loch Dìobaig, Loch Sildeag is Loch a' Chreagach uile a' ruith gu Loch Toirbheartan. Tha abhainn Thoirbheartan a' ruith tro Ghleann Thoirbheartain gu Loch Toirbheartan Uarach.<br /> <br /> Tha an dealbh on chruinneachadh aig I.F. Ghrannd a' sealltainn beatha air an tuath sa Ghaidhealtachd is na h-Eileanan tràth san fhicheadamh linn. Thog an Dotair Ghrannd mòran de na dealbhan i fhèin, is chruinnich i dealbhan aig daoine eile cuideachd.<br /> <br /> Tha an sgìre uabhasach mòr-chòrdte aig luchd-coiseachd nan cnoc, oir tha e a' gabhail a-steach nan naoi stùcan air Beinn Eighe (thar 3,300 troigh), na seachd stùcan air Liathach (tha dhà dhiubh thar 3,000 troigh) is Beinn Ailiginn (3,232 troigh). 'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha a' mhòr-chuid den fhearann san sgìre an-diugh, oir chaidh a thoirt dhaibh nuair a bhàsaich an 4mh Iarla Lovelace.