Ùrachadh mu Dheireadh 07/02/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cailean Lyon-MacCoinnich
EXTERNAL ID
AB_INVTOWNHOUSE07_14
ÀITE
Inbhir Nis
LINN
1870an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
389
KEYWORDS
Taigh a' Bhaile Inbhir Nis
bodhaigean
pròbhaistean Comhairle Baile Inbhir Nis
Saor-thoilich Inbhir Nis
Banca Chaledonia
Companaidh Cladh Inbhir Nis
Colin Lyon-Mackenzie

Tha a' bhodhaig mhàrmoir seo de Chailean Lyon-MacCoinnich sa Phrìomh Thalla ann an Taigh a' Bhaile Inbhir nIs. Tha an sgrìobhadh ag ràdh 'Cailean Lyon MacCoinnich Esq. St Martin's. Pròbhaist 1855-1867, 1873-1875'

Rugadh Cailean Lyon-MacCoinnich ann an Inbhir Nis air 1 Cèitean 1811. Dh'fhàg athair fortan mòr aige agus dh'fhàg bràthair a mhàthar oighreachd an Naoimh M'hàrtainn aige mar dhìleab. Chuir e roimhe gun toireadh e a chuid ùine dha dleastanasan catharra agus dha maith baile àraich.

Rinn Lyon-MacCoinnich seirbheis le Saor-thoilich Inbhir Nis, a' ruighinn ìre Màidseir. Bha e na Chomhairliche Baile agus chaidh a thaghadh mar phròbhaist ann an 1855, dreuchd a ghlèidh e gu 1867. Fhritheil e a-rithist na phròbhaist bho 1973 gus an do leig e dheth a dhreuchd san raon phoblach ann an 1875.

Bha grunn de dh'oifisean poblach aig Màidsear Lyon-MacCoinnich, nam measg Iar-Leifteanant Inbhir Nis is Chrombaidh, Cathraiche Bòrd Tèarmann nan Siorrachdan a Tuath agus Iar-Shiorraidh Urramach. Bha e na stiùiriche den Bhanca Chaledonian agus de Chompanaidh Cladh Inbhir Nis.

Bhàsaich Cailean Lyon-MacCoinnich air 7 Iuchair 1881

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cailean Lyon-MacCoinnich

1870an

Taigh a' Bhaile Inbhir Nis; bodhaigean; pròbhaistean Comhairle Baile Inbhir Nis; Saor-thoilich Inbhir Nis; Banca Chaledonia; Companaidh Cladh Inbhir Nis

Am Baile

Inverness Town House 2007