Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' glacadh nam fulmairean, Hiort
EXTERNAL ID
QZP99_97193_09_09
ÀITE
Hiort
SGÌRE
Na Hearadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
DEIT
c.1886
LINN
1880an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann
AITHNEACHADH MAOINE
38938
KEYWORDS
dòigh-beatha
sealg
eòin-mhara
deas-ghnàthan
Getting the Fulmar, St Kilda

B' e eòin-mhara a bu mhotha a bha muinntir Hiort ag ithe, is bha obraichean eile a' stad ann an sèasan na seilg. Bha fulmairean is gugaichean air an ithe ùr ann an sèasan is air an grèidheadh is bhathar gan glacadh mus b'urrainn dhaibh itealaich. Bha buthaidean air an ithe cuideachd.

Bha Hiortaich foghainteach, làidir is èasgaidh, is mar sin bha iad gu sònraichte freagarrach airson sreap. Bha iad a' sreap casrùisgte no le stocainnean garbh, a' dol sìos air ròpa an àite sreap suas on bhonn. B' e sealbh phrìseil a bh'anns an ròpa sreap, air a thoirt o athair gu mac mar sheud gu math tric. Bha ròpan an toiseach air an dèanamh le gaoseid eich, mu 50 meatair a dh'fhaid is sheasadh iad 50 bliadhna. Bhathar gam feuchainn le ceathrar fhear a' slaodadh air ròpa a bha ceangailte ri ulbhaig. Cha robh ròpa air a chleachdadh mura robh e soirbheachail san deuchainn seo is às aonais cead o 'phàrlamaid' an eilein. Mu dheireadh, bha còrcach 'Manilla' air a chleachdadh a chum na ròpan a dhèanamh.

Tha fulmair mun aon mheud ri faoileig. Tha an t-iteach dorcha geal le sgiathan is druim glas. Tha an gob buidhe-bàn. Tha an t-eun boireann a' breith aon ugh gach sèasan, ann am meadhan A' Chèitein, is bha na h-eòin òga air an sealg san Lùnastal. Shocraich a' phàrlamaid air na creagan far am biodh iad a' sealg, is bha an sèasan a' maireachdainn mu thrì seachdainean.

Thàinig àrdachadh anns an àireamh de dh'fhulmairean a chaidh a ghlacadh ann am meadhan an 19mh linn agus, ann an 1910, bha 9,600 air an glacadh, an taca ri 600 guga. Ann an aithisg mun eilean ann an 1875, thuirt J Sands gun deach 566 galan de dh'ola fulmair, 2,103 punnd de dh'itean dubha is 1,675 itean glasa a chruinneachadh sa bhliadhna sin. Bha an ola air a cleachdadh ann an lampaichean sa gheamhradh

Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Edinburgh Central Library

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' glacadh nam fulmairean, Hiort

INBHIR NIS: Na Hearadh

1880an

dòigh-beatha; sealg; eòin-mhara; deas-ghnàthan

Leabharlann na h-Alba, Leabharlann Mheadhan Dhùn Èideann

I F Grant Photographic Archive