Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Malaig, le sealladh chun an Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
REPH_QZP40_CARD_0047_JG
ÀITE
Malaig
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
DEIT
17 An Lùnastal 2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Jamie Gaukroger
NEACH-FIOSRACHAIDH
Jamie Gaukroger
AITHNEACHADH MAOINE
38993
KEYWORDS
taighean-òsta
iasgach
rèile
aiseagan
Mallaig looking towards Skye

Tha an dealbh seo a' sealltainn Malaig, le sealladh chun an Eilein Sgitheanaich.

'S e an "Station Hotel" a thogadh eadar 1898 agus 1900 a th' anns an togalach mhòr air an taobh dheas. Mhilleadh an taigh-òsta ann an teine anns na 1920an agus chaidh ath-thogail mar am "West Highland Hotel".

Tha Malaig air rubha aig ceann an iar-thuath Mòrair, a' sealltainn tarsainn Caolas Shlèite dhan Eilean Sgitheanach. Anns an 19mh linn, 's e baile beag croiteareachd is iasgaich a bh' ann, le taighean-dubha a thogadh fo ùghdarras Tighearna Lòbhait ri linn gaiseadh a' bhuntàta. Thog e cuideachd cidhe agus stòr salainn, agus rè ùine dh'fhàs iasgach na bu chudromaiche.
Dh'fhosgail an rèile ann an 1901, agus dh'fhàs Malaig na cala trang do na bàtaichean a bhiodh ag iasgach torradh a' Chuain Sgìth, agus na port do bhàtaichean-smùide làn de luchd-turais.

'S e Malaig fhathast am prìomh phort-iasgaich air a' chosta an iar eadar an t-Oban agus Ulapul, ged is e maoraich as motha a bhithear a' glacadh an àite sgadain. Tha loighne-rèil taobh an iar na Gàidhealtachd a' tighinn gu ceann an-seo, agus bithidh aiseagan a' falbh o thìr-mòr do na h-eileanan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Malaig, le sealladh chun an Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Gleann Eilg

2000an

taighean-òsta; iasgach; rèile; aiseagan