Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh farsaing air Malaig, a' coimhead ris an Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
REPH_QZP40_CARD_5744_JG
ÀITE
Malaig
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
DEIT
17 An Lùnastal 2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Jamie Gaukroger
NEACH-FIOSRACHAIDH
Jamie Gaukroger
AITHNEACHADH MAOINE
38998
KEYWORDS
puirt
calachan
gnìomhachas an iasgaich
General view of Mallaig looking across to Skye

'S e baile beag iasgaich a th' ann am Malaig. Tha e na laighe an ceann an iar rubha Mhorair a Tuath agus a' coimhead thairis air Caolas Shlèite.

Dh'fhàs Malaig gu bhith na bhaile beag sna deich bliadhna eadar 1841 is 1851, le àireamh an t-sluaigh ag èirigh o 24 neach gu 134. 'S e thug air an leudachadh seo tachairt na rudan a rinn MacShimidh, am fear aig an robh oighreachd Mhorair a Tuath. Bha esan airson coimhearsnachd iasgaich a dhèanamh ann am Malaig agus bhrosnaich e cuid dhe thuath gluasad ann. Mhaoinich e togail cidhe ann am Malaig agus rinn e leasachadh air na rathaidean san sgìre.

B' ann gu math mall a leasaich gnìomhachas an iasgaich ann am Malaig san dàrna leth den 19mh linn, agus b' ann nuair a ràinig Rèile na Gàidhealtachd an iar cho fada ri Malaig ann an 1901 a thòisich beairteas a' tighinn don bhaile. Le ceanglaichean na rèile dh'fhaodadh na luchdan èisg an lìbhrigeadh gu margaidhean gun dàil agus dh'fhàs malairt agus àireamh an t-sluaigh glè luath. Cuideachd, chaidh am fàs a chuideachadh leis an atharrachadh o sheòl gu einnseanan sna bàtaichean-iasgaich aig an àm seo oir cha robh na bàtaichean cho feumach air sìde mhath agus dh'fhaodadh iad astaran mòra mara a shiubhal. Chaidh am port a leudachadh 's a leasachadh grunn thurais tràth san 20mh linn agus sna 1920an bha dà ghàrradh-shoithichean agus grunnan fhactaraidhean-rèisgidh ann am Malaig.

Gu na 1960an, agus gu h-àraid aig an àm sin, bha Malaig cudromach agus beairteach na phort-iasgaich an sgadain. Ach anmoch sna 1970an agus fad nan 1980an chaidh gnìomhachas an iasgaich sìos gu mòr mar a dh'fhàs an sgadan gann, ach sna 1990an bha malairt sa phort air fàs rèidh agus maorach, gu h-àraid muasgan-caola, a-nis mar an t-iasg a bu mhotha air a ghlacadh san sgìre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh farsaing air Malaig, a' coimhead ris an Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Gleann Eilg

2000an

puirt; calachan; gnìomhachas an iasgaich