Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Highland Connections with the Titanic, part 1 of 3
EXTERNAL ID
RMS_TITANIC_01
DEIT
1912
LINN
1910an
AITHNEACHADH MAOINE
39001
KEYWORDS
ships
disasters
Highland Connections with the Titanic, part 1 of 3

Tha ginealach an dèidh ginealach de dh'oileanaich rannsachadh ionadail Obar Dheathain air a bhith a' coimhead gun fheum airson an ceann pàipear-naidheachd teagmhach, a' dèanamh iomradh air mòr-thubaist an Titanic anns an do bhàsaich 1514 neach: 'Aberdeen man lost at sea'.

Ach, ann am People's Journal Obar Dheathain airson 20mh An Giblean 1912, 's e Seumas Friseal, smàladair/stocair, aon de na chaidh aithneachadh mar aon den 28 Albannach a bha air bòrd RMS Titanic. Tha clàran anns an Tasglann Nàiseanta a' toirt aois mar 30, agus gur ann an Inbhir Nis a rugadh e, ged a tha pàipear-naidheachd Obar Dheathain a' gabhail ris mar gum b' e fear dem muinntir fhèin a bh' ann. 'S e 'SCOTLAND'S ANXIETY. Aberdeen People on Board', an ceann-naidheachd a bh' ann.

Chaidh Seumas Friseal a ghluasad chun an Titanic bho shoitheach eile aig White Star, an Oceanic. Bha e pòsta le bean agus dà leanabh òg agus bha e a' fuireach ann an Southampton agus b' ann às an sin a sheòl an Titanic air a ciad turas-mara air 10mh An Giblean. B' e £6-0-0sg a phàigheadh mìosail mar smàladair no stocair; gheibheadh 'leading fireman' 10/- sa mhìos a bharrachd. Bha e air soighneadh air airson an Titanic air 6mh An Giblean.

Thug an Inverness Courier airson 12mh An Giblean 1912 cunntas air toraidhean Àireamh-sluaigh, a thàinig bho Àireamh-sluaigh 1911 agus air pòsadh Marcas Stafford, mac Diùc agus Bana-diùc Chataibh, aig Eaglais an Naomh Peadar, Ceàrnag Eaton, Belgravia ann an Lunnainn - 'a gathering both large and fashionable'. Gu ciallach, thagh iad mìos nam pòg a chur seachad air Caisteal Dhùn Robain agus chan ann ann an ceann a tuath Ameireagaidh.

Sa Chourier airson 16mhAn Giblean, bha iad air Goillspidh a ruighinn: 'Rejoicings in the North'. Chaidh stailc guail a rèiteachadh (a dh'adhbhraich gun do ghluais luchd-siubhail a bha air an cur troimhe-a- chèile chun an Titanic) agus ann an Tobair Mhoire, bha am bàta-smùide sàbhalaidh Tritan a' tòiseachadh ri ionmhas Spàinnteach a lorg. Bha Bile Riaghladh Dachaigh Èireannach eile a' dol tron Phàrlamaid agus an uair sin air duilleag 5:

LINER'S PERIL
TITANIC STRIKES AN ICEBERG AND SINKS
2358 LIVES IN DANGER
A CALL FOR HELP

Bha a' chiad chunntas so-aigneach - thug Comann nam Pàipear-naidheachd cunntas gun robh Mgr agus a' Bh-uas Phillips, à Faracombe, Godalming, air teileagram fhaighinn bho am mac: 'Making slowly for Halifax; practically unsinkable; don't worry.' (Cha do mhair e.) Bha an Titanic air Southampton fhàgail air a ciad turas-mara an Diciadain roimhe sin, 10mh An Giblean. Air a togail aig Harland & Wolff, Beul Feirste, bha cuideam 46,382 tunna innte agus chosg i còrr agus £1 millean airson a togail. Bhuail an t-soitheach ann am beinn-deighe letheach slighe air a turas gu New York, anmoch air oidhche 14mh An Giblean agus chaidh i fodha tràth air madainn a' 15mh, ann nas lugha na 3 uairean a thìde. Bha a' chiad figearan airson luchd-siubhail agus criutha mar a' leanas:

A' Chiad Clas 350
An Dàrna Clas 305
An Treas Clas 800
Criutha 903
Gu h-iomlan 2358

Aig deireadh a' chiad aithisg seo tha buidheann naidheachd Reuter's ag ràdh 'many lives were lost'.

Tha na figearan fìor airson luchd-siubhail agus criutha beagan eadar-dhealaichte:

A' Chiad Clas 325
An Dàrna Clas 285
An Treas Clas 706
Criutha 908
Gu h-iomlan 2224

Air a ciad turas-mara cha robh faisg uiread air na ghabhadh an t-soitheach air bòrd, le 1316 luchd-siubhail air bòrd an taca ri 2566 a dh'fhaodadh a bhith oirre. Tha grunnan eisimpleirean ann de dhaoine a' dol air bòrd Titanic aig a' mhionaid mu dheireadh, no ag atharrachadh am planaichean agus a' siubhal air soithichean eile, 's mar sin bha ùine ann mus tàinig àireamhan aontaichte a-mach, agus fiù 's aig an sin chaidh aideachadh nach b' urrainn dhaibh a dhol an urras gun robh iad uile gu lèir ceart. 'S e na tuairmsean as fheàrr gun do mhair 710 beò agus gun do bhàsaich 1514, agus bha 696 diubh sin nan criutha.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Highland Connections with the Titanic, part 1 of 3

1910an

ships; disasters

Highland Connections with the Titanic