Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Highland Connections with the Titanic, part 2 of 3
EXTERNAL ID
RMS_TITANIC_02
DEIT
1912
LINN
1910an
AITHNEACHADH MAOINE
39002
KEYWORDS
ships
disasters
Highland Connections with the Titanic, part 2 of 3

Ro Dihaoine 19mh An Giblean Tha meud a' mhòr-thubaist follaiseach, leis an Courier a' clò-bhualadh Colbh deasaiche tiamhaidh: 'In presence of an overwhelming disaster touching all ranks and many lands, humanity is made to feel its frailty'. Anns na colbhan naidheachd bha tuairisgeulan ann bhon Carpathia, a' chiad shoitheach sàbhalaidh a ràinig i. Bha teachdaireachdan co-fhaireachdainn ann bhon Rìgh agus a' Bhanrigh, bhon Kaiser, bho Cheann-suidhe na Frainge agus chaidh maoin nàiseanta cuideachaidh a chur air chois.

Bha an Highland News, air 20mh An Giblean cuideachd a' toirt mòran fiosrachaidh agus dh'ainmich e feadhainn gu h-ionadail a chaill am beatha:

INVERNESS AND NORTHERN MEN ABOARD
The crew of the Titanic included Mr J. Fraser (30), of Inverness, who was employed as a greaser; Mr D. Matheson (30), A. B.; Mr J. M. Smith, Elgin (35), junior fourth engineer; and Mr H. Begrie, Dunrobin, Sutherlandshire, bedroom steward.

Bha iad cuideachd a' toirt comhairle dha an leughadairean gun robh a h-uile litir a chaidh a phostadh aig Oifis Puist Inbhir Nis eadar Disathairne 6mh An Giblean agus Diciadain 10mh An Giblean airson Canada agus Na Stàitean Aonaichte a rèir coltais air a bhith air an Titanic agus gum bu choir am measadh air an call.

Bhuineadh Daibhidh MacMhathain, aois 30, do Inbhir Theòrsa, ann an Gallaibh; b' e Maraiche Comasach a bh' ann, pàirt de chriutha an deic. Cha robh e pòsta agus bha seòladh aige ann an Southampton; chaidh a chorp a lorg agus chaidh a thiodhlacadh aig Cladh Fairview Lawn. Halifax, Alba Nuadh, air 8mh An Cèitean 1912; air liostaichean a' chriutha, agus air uaigh, tha a shloinneadh air a thoirt mar 'Matherson'.

Tha H. Begrie rudeigin dìomhair; chan eil duine leis an ainm sin a' nochdadh air liostaichean a' chriutha. Ach tha Tormod Leslie Bogie, àite breith Dùn Robain ann - agus tha e a' nochdadh ann an Cunntas-sluaigh 1891 ann am Baile Bhòid fon ainm sin, pòsta le aon leanabh, dreuchd, Stiùbhart anns an t-Seirbheis Chatharra, le àite breith air a thoirt mar Goillspidh, far a bheil Dùn Robain, dachaigh shinnsireil Diùcan Chataibh suidhichte. Air liosta criutha an Titanic tha e a' toirt aois mar 46, ach bha e 57 bliadhna a dh'aois. Rugadh e fhèin agus a bhean, Seasaidh NicMhathain le chèile ann an Goillspidh agus b' e luchd-labhairt na Gàidhlig a bh' annta. Sa mhì-riaghailt teilegrafach mun cuairt a' mhòr-tubaist, tha e furasta fhaicinn mar a nochd mearachdan ann a aithisgean pàipear-naidheachd. B' e Stiùbhart Seòmar-cadail san Dàrna Clas a bh' ann an Tormod Leslie Bogie air an Titanic; chaidh a chorp fhaighinn agus bha e air a thiodhlacadh ann an uaigh chomharraichte aig Cladh Fairview Lawn, Halifax, Alba Nuadh, air 8mh An Cèitean 1912.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Highland Connections with the Titanic, part 2 of 3

1910an

ships; disasters

Highland Connections with the Titanic