- TIOTAL
- A' Chananaich bho Chnoc na Cananaich
- EXTERNAL ID
- ROMGH_00_173
- ÀITE
- A' Chananaich
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Ros Mhaircnidh
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam
- AITHNEACHADH MAOINE
- 39079
- KEYWORDS
- bailtean
taighean

Tha a' Chananaich air oirthir a deas an Eilein Duibh a' coimhead tha linne Mhoireibh Air taobh dheis an deilbh tha tobhta.Chathair-eaglais na Cananaich , a chaidh a thogail san 13mh linn nuair a ghluais Easbaig Rois an sin à Ros Mhaircnidh. Dh'fhàs A' Chananaich mun cuairt na Cathair-eaglais agus b' e 'Chanonry' an t-ainm tùsail a bh' air sa Bheurla a' ciallachadh Àite nan Canan, oir bha canain na cathair-eaglais a' fuireach ann am mansaichean mun cuairt na h-eaglais.
Ro 1584 bha sgoil-ghramair anns a' Chananaich, agus shoirbhich am baile mar ionad airson nan ealain agus saidheans, agus gu h-àraidh an lagh agus diadhachd. Ach mus tàinig àm an Ath-leasachaidh, bha a' Chathair-eaglais mu thràth ann an droch staid, agus thug an t-arm aig Oliver Crombail leotha mòran dhen chloich-ghainmhich ruaidh aice gus an daingneachd aige ann an Inbhir Nis a thogail. Chleachd muinntir a' bhaile an còrr dhith airson an taighean.
Fhuair A' Chananaich inbhe Borgh Rìoghail ann an 1590, ach chan eil càil a choltas gun do shoirbhich leis an àite mar thoradh air an sin. San leabhar 'The Buildings of Scotland: Highlands and Islands' tha Iain Gifford a' toirt tarraing à aithisg Comhairle a' Bhaile ann an 1691 a bha ag ràdh gur e dìreach 'a little village' a bh' anns A' Chananaich.
Ach mhair am baile mar ionad-foghlaim. Stèidhicheadh Acadamaidh na Cananaich ann an 1791, le clasaichean air an cumail ann an Taigh nan Clèireach agus Taigh Shìiophort, agus bha i ainmeil airson foghlaim. Ghluais i chun an làrach far a bheil i an-diugh ann an Sràid na h-Acadamaidh ann an 1891.
Chaidh ruigsinneachd air a bhaile a leasachadh gu mòr nuair a chaidh a' chala clach-ghainmhich, a chaidh a dhealbhadh le Tòmas Telford, a thogail eadar 1813 agus 1817. Sa Ghearran 1894, chaidh meur-loidhne de Rèile na Gàidhealtachd fhosgladh dhan Chananaich, a' cuideachadh le leasachadh an tuineachaidh mar bhaile turasachd. Chaidh an stèisean a dhùnadh do luchd-siubhail ann an 1951 ach le fosgladh Drochaid Cheasaig ann an 1982, tha e furasta Inbhir Nis agus an còrr den Ghàidhealtachd a ruighinn às A' Chananaich.
Tha luchd-turais agus luchd-saor-làithean fhathast measail air A' Chananaich. Tha dachaigh an 'Chanonry Sailing Club' sa chala agus tha raon goilf sgoinneil aig a' bhaile. 'S deagh àite airson a bhith a' coimhead leumadairean-mara a th' ann an Rubha na Cananaich
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House Museum