- TIOTAL
- Eaglais agus Cladh Ros Mhaircnidh
- EXTERNAL ID
- ROMGH_00_183_05
- ÀITE
- Ros Mhaircnidh
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Ros Mhaircnidh
- DEIT
- 1973
- LINN
- 1970an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam
- AITHNEACHADH MAOINE
- 39090
- KEYWORDS
- eaglaisean
cladhan
cinn-cinnidhean

'S ann o 1821 a tha Eaglais na Paraiste ann an Ros Mhaircnidh, ach chaidh a togail air an ionad far an robh a' chiad Chathair-eaglais Sgìr-easbaig Rois, a chaidh a thogail san 12ra linn aig àm Daibhidh l. Mu 1235 ghluais iad ionad na cathair-eaglais dhan Chananaich.
Ach tha iad ag ràdh gur ann o làithean na bu thràithe a tha ionad na cathair-eaglais ann an Ros Mhaircnidh, cho fad air ais ris an t-6mh linn, nuair a stèidhich an Naomh Maol Luag à Lios Mòr, miseanaraidh aig an Eaglais Cheiltich, àite-fuirich Crìosdail san sgìre seo. Bhàsaich Maol Luag ann an 592 agus tha seanchas ann ag ràdh gur ann ann an Ros Mhaircnidh a chaidh a thiodhlacadh. Timcheall air 716, 's e an Naomh Boniface a thàinig na cheannard air manachainn Ros Mhaircnidh. Tha esan air a chuimhneachadh ann an dualchasan na sgìre - leithid Fèill an Naoimh Boniface sa Mhanachainn - agus ann an ainmean àiteachan - leithid Tobar an Naoimh Boniface, tobar 'clootie' ainmeil ri taobh an rathaid eadar An Todhar agus Bun Lòchaidh.
Chaidh diofar phìosan de chloich shnaidhte Phiocach agus leacan croise an lorg timcheall air an eaglais ann an Ros Mhaircnidh, nam measg leac-croise eireachdail Clas ll a chithear ann an Taigh-tasgaidh Ghroam
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House Museum