Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Roinn na chaidh a Ghlacadh, Abhach
EXTERNAL ID
ROMGH_PA_94_004
ÀITE
Abhach
SGÌRE
Abhach
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Abhach
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam
AITHNEACHADH MAOINE
39097
KEYWORDS
Canada
sgadan
gnìomhachas an iasgaich
cutairean
clann-nighean an sgadain
calannan
boireannaich iasgaich
Dividing the Spoil, Avoch

Chan eil ceann-là air an dealbh-chamara seo anns am faicear buidheann de bhoireannaich agus de chlann nan seasamh air Cala Abhaich. Ged 's e 'Dividing the Spoil' an tiotal a th' air an dealbh, tha a' chuid as motha de na basgaidean falamh, gun annta ach dhà no trì eisg.

Còmhla ri baile Chrombaigh 's e baile cudromach iasgaich air an Eilean Dubh a bh' ann an Abhach (san sgìre 's e 'Aw'och' a bhios iad ag ràdh). Gu dualchasach, bhiodh iasgairean Abhaich a' cur seachad a' gheamhraidh ag iasgach an sgadain sna h-uisgeachan a-staigh, agus sa gheamhradh bhiodh iad a' falbh leis na bàtaichean gu Gallaibh agus Loch Bhraoin. Nuair a thàinig na Zulus, na bàtaichean na bu mhotha, a-staigh fada sna 1800an, thòisich iasgairean Abhaich a' siubhal na b' fhaide ann am mìosan an t-samhraidh, gu àiteachan gu tuath mar Shealtainn agus cuideachd gu uisgeachan Shasainn.

Ann an àiteachan mar Abhach, bha obair mhòr aig na boireannaich ann an gnìomhachas an iasgaich. Bhiodh mnàthan nan iasgairean a' falbh le cuid den èisg, ann am basgaidean mar a chithear an seo, ach an reiceadh iad san sgìre mun cuairt iad. Sna seann làithean bhiodh iad a' dèanamh suaip le èisg airson bathar eile ach na b' fhaide air adhart b' e airgead a bhiodh iad ag iarraidh. Bhiodh caileagan gun phòsadh ag obair mar chutairean agus luchd-pacaidh an èisg, agus as t-samhradh bhiodh iad a' siubhal timcheall air na portan iasgaich ann an Alba, Èirinn agus Sasainn aig an obair.

Fada sna 1920an bha fhathast mu 200 iasgair san Abhach, ach chan ann mar sin a tha cùisean an-diugh - chan eil ach cabhlach glè bheag de bhàtaichean-iasgaich san Abhach, agus 's e muasgan-caola, iasg geal agus creachan mar is trice a tha iad a' glacadh.

Chaidh cala Abhaich a dheilbh le Tòmas Telford agus a thogail ann an 1814. 'S e Sir Alasdair MacCoinnich, an neach-rannsachaidh agus neach-malairt nam bian a thug seachad an t-airgead airson a thogail. B' ann à Eilean Leòdhais a bha e fhèin ach thàinig oighreachd Abhaich thuige tro phòsadh ann an 1812. Chuir e seachad a làithean san dà àite, Lunnainn agus Abhach gus an do bhàsaich e ann an 1820. Tha e air a thiodhlaiceadh sa chladh ann an Abhach.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Roinn na chaidh a Ghlacadh, Abhach

ROS: Abhach

Canada; sgadan; gnìomhachas an iasgaich; cutairean; clann-nighean an sgadain; calannan; boireannaich iasgaich

Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam

Groam House Museum Photographic Collection