Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Sir Alexander Malcolm MacEwen

Tha an ìomhaigh de cheann agus guaillean, le Gladys Barron, de Shir Alasdair Calum MacEoghainn air a thaisbeanadh ann am Prìomh Thalla Taigh Baile Inbhir Nis.

Rugadh Alasdair MacEoghainn ann an Calcutta air an 10mh dhen Fhaoilleach 1875. B' e Raibeart Sutharlanach Mac an Tàilleir MacEoghainn, fear-lagh agus Neach-clàraidh Rangoon, a b' athair dha.

Fhuair MacEoghainn foghlam ann an Colaiste Chlifton, Oilthighean Bhristol agus Dhùn Èidean, 's e a' toirt a-mach dreuchd na fhear-lagha ann an 1901. Chaidh e chun a' chompanaidh aig Stewart Rule & Co. ann an Inbhir Nis agus b' e am prìomh chompàirtiche fad deich bliadhna fichead.

Chaidh MacEoghainn gu Comhairle a' Bhaile ann an 1908 agus, ged a leig e dheth a dhreuchd an dèidh sin, chuireadh ìmpidh air tilleadh an dèidh A' Chogaidh Mhòir. Chaidh a thaghadh mar phròbhaist ann an 1925 agus bha e san dreuchd sin gu 1931.Chuir am Pròbhaist MacEoghainn iomadh sgeama air adhart gus taigheadas is slàinte poblach a leasachadh. Bha e na bhall de Chomataidh Foghlaim Siorrachd Inbhir Nis agus na Chathraiche air Stiùirichean an Ospadail Rìoghail a Tuath. Chaidh ridire a dhèanamh dheth ann an 1932. Chaidh an ìomhaigh seo a thoirt dha air an t-6mh dhen Dàmhair 1933.

An dèidh a dgreuchd aig Comhairle a' Bhaile a leigeil dheth, chaidh an Ridire Alasdair MacEoghainn a thaghadh mar Chomhairliche Siorrachd airson Beinn na Fadhla. Tha MacEwan Drive ann an Inbhir Nis air ainmeachadh air.

Chaochail an Ridire Alasdair MacEoghainn air an 29mh dhen Ògmhios 1941

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sir Alasdair Calum MacEoghainn

1930an

Taigh Baile Inbhir Nis; ìomhaighean ceann agus guaillean; pròbhaistean; luchd-lagha; Stewart Rule & Co; Comhairle Baile Inbhir Nis; comhairliche sgìeil; Beinn na Fadhla; Partaidh Nàiseanta na h-Alba

Am Baile

Inverness Town House 2007