Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bus Mgr Hastie, Ros Mhaircnidh
EXTERNAL ID
ROMGH_PA_94_022
ÀITE
Ros Mhaircnidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam
AITHNEACHADH MAOINE
39111
KEYWORDS
busaichean
còmhdhail
an t-Eilean Dubh
Mr Hastie's Bus, Rosemarkie

Dealbh gun bhliadhna ris a chaidh a thogail air taobh an iar Àrd-shràid Ros Mhaircnidh san Eilean Dubh. Chithear ann a' chiad bhus, a bh' aig fear Hastie, a bhiodh a' ruith eadar Inbhir Nis is Cromba.

B' e Commer charabanc a ghabhadh 25 neach nan suidhe a bha san V1592. Tha iad den bheachd gu robh am bus ùr aig Mgr Hastie nuair a thòisich e a sheirbheis bhus eadar Cromba agus Aiseag Cheasaig a Tuath an 4 Giblean 1912. Roimhe sin bha bus ann air a tharraing le eich, a bha aig Mgr C Mac an Tòisich (neach-seilbh an Taigh-òsta Rìoghail sa Chananaich), a thòisich an 25 Faoilleach 1855 agus a bhiodh a' ruith aon turas san là - 0600, o Cheasaig a Tuath agus a' tilleadh aig 1415 o Chromba.

San Lùnastal 1912 bha seirbheis eile aig Mgr Hastie a bha a' ruith eadar Ros Mhaircnidh agus Ceasaig a Tuath taobh na Cananaich, Abhach agus Bun Lochaidh. Bha seo a' dol aon turas sa là le turas feasgar a bharrachd ann Diciadain agus Disathairne. Chaidh an t-seirbheis a stad tràth sa Chiad Chogadh agus thòisich e air ais ann an 1919 (agus a-nise an t-ainm 'Black Isle Motor Company' air) an dèidh do Mhgr Hastie tilleadh on t-seirbheis cogaidh aige. Agus a-nis b' e an seòladh aige 'The Garage, Fortrose' agus gu dearbh, 's dòcha gum b' e sin a sheòladh bho thùs, ach tha iomradh eile ann a tha ag ràdh gur dòcha gur ann à Taigh-òsta an Stèisein ann an Abhach a bha e ag obair.

Sa Chèitean 1921 bha an garaids sa Chananaich air a chleachdadh le companaidh bhus eile - 'Cromarty & Kessock Motor Car Service', air a ruith le D MacNeacail agus M Friseal - agus ghluais Mgr Hastie a ghnothaichean gu Moray Park sa Chananaich. Tro na 1920an bha e a' ruith bhusaichean eadar Inbhir Pheofharain agus Cromba taobh Cùil Bhacaidh, Am Blàr Dubh agus Ros Mhaircnidh (a thòisich anmoch 1928) agus Ceasaig a Tuath gu Cromba. Reic e a chompanaidh gu Seirbheisean Motair Inbhir Nis & Sgìre Earr. san Ògmhios 1929.

Chan eil clàradh ann ag innse cuine chaidh V1592 a tharraing às no dè thachair às dèidh sin. Saoilidh mi nach robh aige ach trì busaichean (dà Albion agus aon Reo Pullman) nuair a chaidh a chompanaidh a reic agus chaidh dhà dhiubh seo a-null gu Seirbheisean Motair Inbhir Nis & Sgìre Earr. agus an uair sin gu Companaidh Còmhdhail na Gàidhealtachd Earr, an Companaidh roimh na h-Omnibusaichean Gàidhealach, sa Ghiblean 1930.

[Mòran taing gu Ailean Hall airson an fhiosrachadh seo a chur e thugainn]

Ma tha thu airson an fhiosrachadh seo a leughadh ann am Beurla, brùth air 'English' aig bàrr na duilleig.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bus Mgr Hastie, Ros Mhaircnidh

ROS: Ros Mhaircnidh

busaichean; còmhdhail; an t-Eilean Dubh

Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam

Groam House Museum Photographic Collection