Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh a' coimhead thar na Cananaich, 1955
EXTERNAL ID
ROMGH_PA_94_130
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
1955
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam
AITHNEACHADH MAOINE
39208
KEYWORDS
View looking over Fortrose, 1955

Tha baile na Cananaich suidhichte air oirthir a deas an Eilein Duibh a' coimhead thar Linne Moireibh. Tha tobhta Cathair-eaglais na Cananaich, a chaidh a thogail san 13mh linn nuair a ghluais Easbaig Rois an seo à Ros Mhaircnidh, air taobh deas an deilbh. Dh'fhàs A' Chananaich mun cuairt na Cathair-eaglais, agus b' e 'Chanonry' an t-ainm tùsail a bh' air sa Bheurla a' ciallachadh Àite nan Cananach, oir bha cananaich na cathair-eaglais a' fuireach ann am mansaichean mun cuairt na h-eaglais.

Ro 1584 bha sgoil-ghràmair anns a' Chananaich, agus shoirbhich am baile mar ionad airson ealain agus saidheans, agus gu h-àraidh lagh agus diadhachd. Ach mus tàinig àm an Ath-leasachaidh, bha a' Chathair-eaglais mu thràth ann an droch staid, agus thug an t-arm aig Oilbhear Crombail leotha mòran dhen chloich-ghainmhich ruaidh aice gus an daingneachd aige ann an Inbhir Nis a thogail. Chleachd muinntir a' bhaile an còrr dhith airson an taighean.

Fhuair A' Chananaich inbhe Borgh Rìoghail ann an 1590, ach chan eil càil a choltas gun do shoirbhich leis an àite mar thoradh air an sin. San leabhar 'The Buildings of Scotland: Highlands and Islands' tha Iain Gifford a' toirt tarraing à aithisg Comhairle a' Bhaile ann an 1691 a bha ag ràdh gur e dìreach 'a little village' a bh' anns A' Chananaich.

Ach mhair am baile mar ionad-foghlaim. Stèidhicheadh Acadamaidh na Cananaich ann an 1791, le clasaichean air an cumail ann an Taigh nan Clèir agus Taigh Shìiophort, agus bha i ainmeil airson foghlam. Ghluais i chun an làraich far a bheil i an-diugh ann an Sràid na h-Acadamaidh ann an 1891.

Chaidh ruigsinneachd air a' bhaile a leasachadh gu mòr nuair a chaidh an cala clach-ghainmhich, a chaidh a dhealbhadh le Tòmas Telford, a thogail eadar 1813 agus 1817. Sa Ghearran 1894, chaidh meur-loidhne de Rèile na Gàidhealtachd fhosgladh dhan Chananaich, a' cuideachadh le leasachadh an tuineachaidh mar bhaile turasachd. Chaidh an stèisean a dhùnadh do luchd-siubhail ann an 1951 ach le fosgladh Drochaid Cheasaig ann an 1982, tha e furasta Inbhir Nis agus an còrr den Ghàidhealtachd a ruighinn às A' Chananaich

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh a' coimhead thar na Cananaich, 1955

ROS: Ros Mhaircnidh

1950an

Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam

Groam House Museum Photographic Collection