Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh an Luchd-teagaisg, A' Chananaich
EXTERNAL ID
ROMGH_PA_94_172
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam
AITHNEACHADH MAOINE
39235
KEYWORDS
sgoiltean
sgoiltean gràmar
acadamaidhean
maighstirean sgoile
luchd-teagaisg
neach-teagaisg
tidsear
tidsearan
toglaichean clàraichte
Teachers' House, Fortrose

Is e seo an taigh a bh' aig luchd-teagaisg ri taobh na seann sgoil gràmair ann an Sràid na h-Acadamaidh, A' Chananaich. Chaidh an togalach seo a thogail an 1783, agus tha e a-nis na togalach clàraichte aig Ìre B. Tha na tùs-litrichean M agus W sgrìobhte air seann chlàr a tha mu choinneimh a' ghàrraidh aig cùl an togalaich. Bhiodh clasaichean aig an sgoil gràmair gan cumail ann an Taigh Shìophoirt a bha uair na dhachaigh do Sgiophartaich MhicCoinnich.

Tha sgoil air a bhith anns a' Chananaich bho na meadhan aoisean aig treise na Cathair-eaglais. Leis an ath-leasachadh ann an 1560, chaidh an àrd-eaglais a-mach à cleachdadh ach bha a' Chananaich fhathast na àite cudromach airson ionnsachadh.

Ro 1584 bha sgoil gràmair anns a' Chananaich, agus shoirbhich am baile mar ionad airson nan ealan agus saidheans, agus gu h-àraidh an lagh agus diadhachd.

Stèidhicheadh Acadamaidh na Cananaich ann an 1791, le clasaichean air an cumail ann an Taigh nan Clèir agus Taigh Shìophoirt, agus bha i ainmeil airson foghlaim. Ghluais i chun an làrach far a bheil i an-diugh ann an Sràid na h-Acadamaidh ann an 1891 gu togalach a chaidh a dhealbhadh le Iain Robasdan.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh an Luchd-teagaisg, A' Chananaich

ROS: Ros Mhaircnidh

sgoiltean; sgoiltean gràmar; acadamaidhean; maighstirean sgoile; luchd-teagaisg; neach-teagaisg; tidsear; tidsearan; toglaichean clàraichte

Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam

Groam House Museum Photographic Collection