Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh den Chananaich bhon Iar
EXTERNAL ID
ROMGH_PA_94_185
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
1895
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam
AITHNEACHADH MAOINE
39246
KEYWORDS
bailtean
calaidhean
View of Fortrose from West

Tha an dealbh-camara seo den Chananaich bhon iar a' sealltainn soitheach seòlaidh sa chala agus leth-eilean na Cananaich nas fhaide a-muigh. Tha na facail a leanas sgrìobhte air a' chairt a tha mun cuairt an deilbh: 'Note the width of the top of Braehead' agus 'The School c. 1895'.

Tha a' Chananaich air oirthir a deas an Eilein Duibh. Dh'fhàs e mun cuairt na Cathair-eaglais, a chaidh a thogail san 13mh linn nuair a ghluais Easbaig Rois an sin à Ros Mhaircnidh. B' e 'Chanonry' an t-ainm tùsail a bh' air sa Bheurla a' ciallachadh Àite nan Canan, oir bha canain na cathair-eaglais a' fuireach ann am mansaichean mun cuairt na h-eaglais. Thuit a' chathair-eaglais ann an droch staid an dèidh an Ath-leasachaidh ann an 1560.

Air taobh deas an deilbh tha an cala clach-ghainmhich a ghabhas obrachadh a rèir an làin, a chaidh a dhealbhachadh le Tòmas Telford agus chaidh a thogail eadar 1813 agus 1817 agus chosg e £4,000. Chaidh cidhe fiodha a chur ris ann an 1879 ach bha e air falbh ro mheadhan na ficheadamh linn. An-diugh 's e dachaigh an 'Chanonry Sailing Club' a th' ann, cluba gnìomhach le measgachadh de gheòlaichean agus eathraichean-siubhail, agus mìosachan gu math làn de thachartasan a th' anns a' chala.

Nas fhaide air falbh, tha leth-eilean Rubha na Cananaich a' sìneadh mìle a-mach do linne Mhoireibh, agus thathas den bheachd gur e moirèan a th' ann (dùin chreagan agus chlachan), a chaidh fhàgail ann an linn na Deighe. Air astar tha costa Siorrachd Inbhir Nis

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh den Chananaich bhon Iar

ROS: Ros Mhaircnidh

1890an

bailtean; calaidhean

Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam

Groam House Museum Photographic Collection