Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ros Mhaircnidh, bhon Chreig, mu 1960
EXTERNAL ID
ROMGH_PA_94_214
ÀITE
Ros Mhaircnidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
1960
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam
AITHNEACHADH MAOINE
39262
KEYWORDS
bailtean
taighean
Rosemarkie from Craig, about 1960

Chaidh an sealladh seo de Ros Mhaircnidh a thogail bhon Chreig. Dìreach os cionn na tràghad tha Eaglais Paraiste Ros Mhaircnidh a chaidh a thogail eadar 1818 agus 1821. Tha dearbhadh ann gun robh tuinneachadh Crìosdail air, no faisg air, an làrach seo cho tràth ris an t-7mh linn agus chaidh a ghabhail thairis an uair sin le Naomh Boniface, air an robh Naomh Curadan cuideachd, anns an 8mh linn. An dèidh sin, san 12ra linn, chaidh a' chiad Chathair-eaglais aig Sgìr-easbaig Rois a thogail air an aon làrach.

'S e baile air oirthir a deas an Eilein Duibh a th' ann an Ros Mhaircnidh agus tha an t-ainm a' ciallachadh 'ros allt nan each'. Tha am bàgh a' sìneadh timcheall air Nis na Cananaich, air a bheil raon-goilf, gu Rubha na Cananaich far a bheil caolas cumhang eadar an Eilean Dubh agus oirthir Mhoireibh. 'S e an taigh-solais an seo an t-àite as fheàrr airson a bhith a' coimhead air na leumadairean-mara a tha ann an linne Mhoireibh agus a tha a' cur iongantas air an luchd-amhairc leis an leumadaireachd is an spòrs aca.

Tha Ros Mhaircnidh air a cheangal ri baile na Cananaich a tha ri thaobh, ach tha muinntir Ros Mhaircnidh a' cumail a-mach gur e as sine. Tha dearbhadh ann gun robh àite-tuineachaidh Cruithneach ann an Ros Mhaircnidh anns an 8mh linn. Chaidh còrr is 12 leac Cruithneach a lorg mu chladh a' bhaile, agus tha iad a-nis ann an Taigh-tasgaidh Ghroam anns a' bhaile.

Chaidh Ros Mhaircnidh a dhèanamh na bhorgh anns an 13mh linn, agus mar a' Chananach rinneadh e na Bhorgh Rìoghail an 1455. Mar a bha iomadh coimhearsnachd bheag, bha Ros Mhaircnidh fèin-sheasmhach sna làithean mus tàinig piseach air conaltradh. Chaidh lìon-aodaich fhàs agus chaidh anart a dhèanamh. Chithear fhathast ann an Gleann nan Sìthichean, làrach nam poll no "pows" far an deach an lìon-aodaich a bhogadh. Bha togail bhàtaichean agus iasgach bhradan am measg nan gnìomhachasan eile.

An-diugh, tha mòran anns a' bhaile do luchd-turais, mar eisimpleir Taigh-tasgaidh Ghroam, ceuman coillteach tro Ghleann nan Sìthichean gu easan, agus tràigh bhrèagha shìtheil. Le fosgladh Drochaid Cheasaig ann an 1982 tha an t-àite snog, sàmhach seo a-nis gu math furasta a ruighinn do luchd-tadhail an aon latha

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ros Mhaircnidh, bhon Chreig, mu 1960

ROS: Ros Mhaircnidh

1960an

bailtean; taighean

Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam

Groam House Museum Photographic Collection