Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Inverness Town House - Window Panel

Tha an dealbh seo a' sealltainn obair mhionaideach dhen phàirt ìseal dhen uinneig le glainne dathte a tha ann am meadhan a' bhalla a tuath, anns a' Phrìomh Thalla, ann an Taigh Baile Inbhir Nis.

Tha na leanas sgrìobhte aig a' bhonn 'This window is placed here in remembrance of Duncan Grant of Bught by his affectionate wife'.

Air an làimh chlì, tha Sir Walter Scott leis a' chù a b' fheàrr leis, agus air an làimh dheis, tha Oisean, am bàrd agus an t-òranaiche Ceilteach.

Eadar na lòsain seo tha glag a' crochadh agus air a bheil 'H.M.S. Inverness 1990' sgrìobhte agus foidhe sin tha modail de long. Tha 'Presented to the City of Inverness by the Commanding Officer and Ships Company, HMS Inverness to mark the granting of the Freedom of the City to HMS Inverness. 22 October 2004.' sgrìobhte na cois.

B' e long lorg-mhèinnichean leis a' Chabhlach Rìoghail a bha ann an H.M.S. Inverness, a chaidh a cur ann an seirbheis ann an 1990 agus a bha stèidhichte aig Faslane air Abhainn Chluaidh. Chaidh a toirt à seirbheis ann an 2005 ri linn gearraidhean anns na Feachdan Armaichte

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Lòsan Uinneig - Taigh Baile Inbhir Nis

1870an;1880an

Taigh Baile Inbhir Nis; uinneagan le glainne dhathte; Donnchadh Grannd; Cill Bheathain; Sir Wlater Scott; Oisean; HMS Inverness; lorg-mhèinnichean; A' Chabhlach Rìoghail

Am Baile

Inverness Town House 2007