Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Bhaile an Fhraoich, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
ROMGH_PA_94_285_P48
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam
AITHNEACHADH MAOINE
39357
KEYWORDS
taighean mora
Muirtown House, Inverness

'S e taigh mòr air taobh an iar-thuath Inbhir Nis a th' ann an Taigh Bhaile an Fhraoich a tha a' dol ais ais gu tòiseach na 19mh linn. Chaidh a thogail, agus ma dh'fhaodte, a dhealbhachadh le Màidsear Ùisdean Raibeart Duff, a dheasaich 'The Culloden Papers' agus a thog Carragh-cuimhe Chlach na h-Aire. Tha Iòsaph Mitchell a' toirt iomradh air mar 'an able man but somewhat eccentric'.

Phòs Ùisdean Raibeart Duff tè Sara Louise Foirbeis à Cùil Lodair; chithear na ciad-litrichean HRD agus SLF còmhla ris an deit 1805, air aghaidh an iar tùr meadhanach an taighe. Tha gearradh arm Duff ri fhaicinn os cionn a' phrìomh phoirdse inntrigidh le a cholbhan Doric le loidhnichean claiseach.

Chaidh tòiseachadh ga thogail ann an 1800, ach chaidh diofar atharrachaidhean agus pìosan a bharrachd a chur ris, ann an stoidhlichean ailtireachd eadar-dhealaichte, eadar sin agus 1851. Nuair a chaidh an taigh a shanasachadh airson a leigeil air mhàl ann an 1874, chaidh an cunntas a leanas a thoirt air:

'Muirtown House, containing Drawing-Room, Dining-Room, Study or Smoking-Room, and Nine Bedrooms, in addition to ample accommodation for servants. There are also a Garden and Conservatory, with Stables, Coach-House, Harness-Room, and Coachman's House.'

'S e Togalach Clàraichte Ìre B air a roinn na ochd àiteachan còmhnaidh air leth a th' ann an Taigh Bhaile an Fhraoich an-diugh

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Bhaile an Fhraoich, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

taighean mora

Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam

Groam House Museum Photographic Collection