Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne snaighte ann an Cathair-eaglais na Cananaich
EXTERNAL ID
ROMGH_PA_94_308
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam
AITHNEACHADH MAOINE
39395
KEYWORDS
snaidhidhean
Carved memorial at Fortrose Cathedral

Tha an dealbh-camara seo a' sealltainn gu mìonaideach clàr-cuimhneachaidh Sir Alasdair MhicCoinnich ann an Cathair-eaglais na Cananaich. Tha e air a shealltainn mar Bàs a' cumail grèim air a' chaisteal, An Caisteal Ruadh. Anns an t-17mh linn, thàinig earrann air taobh an iar Cathair-eaglais na Cananaich gu bhith na chladh airson Clann 'ic Coinnich Shìophoirt. Tha iomadh clàr màrmoir a' cuimhneachadh cuid de theaghlach MhicCoinnich agus carragh-cuimhne a chaidh a thogail mu 1800, dha Alasdair a' Chùil anns a' Chathair-eaglais.

Chaidh Cathair-eaglais na Cananaich a thogail nuair a ghluais Easbaig Raibeart à Sgìr-easbaig Rois, bho Ros Mhaircnidh dhan Chananaich, ann am meadhan na 13mh linn. An dèidh an Ath-leasachaidh, thug Uilleam, Morair Ruadhainn, an luaidhe o mhullach na h-eaglais air falbh, is thuit an togalach ann an droch staid. Thug Oliver Crombail mòran den chlaich-ghainmhich dhearg a dh'Inbhir Nis gus an togadh e a dhaingneach leis. Chleachd muinntir a' bhaile an còrr dhith airson an taighean. Chan eil air fhàgail den chiad thogalach sin ach taobh deas a' chuirp-eaglais is an naomh-chiste den taigh-clèire. Chithear dealbh-iomaill an togalaich tùsail anns an fheur

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Groam House Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne snaighte ann an Cathair-eaglais na Cananaich

ROS: Ros Mhaircnidh

snaidhidhean;

Taigh-tasgaidh Taigh Ghroam

Groam House Museum Photographic Collection